Queer Lives & Art: leabhraichean agus buinteanas le Lavender Menace

Chaidh Tasglann agus Bloga Leabhraichean Cuèir Lavender Menace a stèidheachadh ann an Dùn Èideann le Sigrid Nielsen agus Bob Orr. Chaidh a stèidheachadh gus leabhraichean clò-bhuailte LGBT+ nach robh furasta am faighinn agus a bha a-mach à clò a ghlèidheadh agus a chomharrachadh. Tha Sigrid agus Bob ag obair leis an dealbhadair agus sgrìobhadair Kate Charlesworth air sreath de dhealbhan de sgrìobhadairean cuèir. Am measg nan dealbhan bidh dealbh den bhàrd Albannach dà-sheòrsach Hamish Henderson (1919-2002), a tha air a riochdachadh ann an cruinneachadh Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba.

Tha Afton Moran, cleasaiche neo-bhaidhnearaidh a tha stèidhte ann an Dùn Èideann, a’ bruidhinn ri Sigrid, Bob agus ri Kate mu eachdraidh an tasglainn agus mu bheatha agus obair Henderson.

Bidh an còmhradh a’ bualadh air a h-uile rud bho bhith a’ reic leabhraichean ann an seòmar-cleòca fuar gu cho cudromach ’s a tha e faireachdainn gum buin thu.

Leugh am blog seo sa Bheurla

Afton
Nach math ur faicinn Tha fadachd orm gus cluinntinn mu Lavender Menace ’S e a’ chiad cheist a bhiodh agam, gu sìmplidh, carson a chaidh Lavender Menace a stèidheachadh?

Bob
Dh’èirich Lavender Menace a-mach à stann beag leabhraichean a bha mi a’ ruith ann an 1976 ann an Ionad Fiosrachaidh Gèidh, a bha air a ruith le Ionad nam Mion-chuidean Albannach ann an Sràid Broughton, Dùn Èideann. Leudaich e gu ìre ’s gun deach agam air buidheann dhaoine a thional gus a ruith. Mus deach fhosgladh, ’s e Stannd Leabhraichean Open Gaze an t-ainm a bh’ air. Bha e cho soirbheachail An uair sin, gus sgeul fhada a ghearradh, dh’fhàg sinn an t-Ionad Gèidh Chum am buidheann orra a’ cur rudan air dòigh le amas a bhith a’ fosgladh bùth leabhraichean.

Sigrid 
Chaidh a’ chiad leabhar anns an deach againn air leabhraichean a reic a lorg le Bob agus b’ e disco Fire Island (club-oidhche gèidh air Sràid a’ Phrionnsa) a bh’ ann, a’ reic leabhraichean anns an t-seòmar-chleòca. Bha e cho fuar agus gum faiceadh tu d’ anail anns a’ gheamhradh Nam biomaid a’ fàs fuar, dh’fhaodamaid a dhol a dhannsa gus blàthachadh! An dèidh bliadhna de bhith a’ coimhead airson àiteachan ann an Dùn Èideann, chaidh àite aig bonn togalaich a thairgsinn dhuinn le Iomairt na h-Alba an Aghaidh Cunnart Atomaigeach air Sràid Fhoirbhe.  Bha e ann am fìor dhroch staid, agus mar sin chuir sinn seachad fad an t-samhraidh ga chàradh. Bha sinn ag iarraidh bùth-leabhraichean le dathan inntinneach. Bha uaine agus bàn agus sgeilpichean fiodh giuthais againn. Bha farsaingeachd bhùird ann, aon fhear a fhuair sinn nuair a bhathar ga chaitheamh a-mach à bàr air Sràid Hanover. Bha dithis againn ann, agus mar sin dh’fhaighnich sinn am faodamaid fhaighinn. Agus tharraing sinn air ais e gu Sràid Fhoirbhe. Chuir sinn romhainn fosgladh ann an ùine airson Fèis Dhùn Èideann ann an 1982 Chuir sinn seachad an oidhche gu lèir a’ lìonadh nan sgeilpichean. Bha sinn air cur a dh’iarraidh leabhraichean à Aimeireaga, bho Gay’s The Word agus bho luchd-solarachaidh bho dheas agus an ath latha, aig 10m dh’fhosgail a’ bhùth, agus bha i làn fad an latha. Nuair a dhùin sinn, bha £100 againn. Agus ’s ann mar sin a thòisich an sgeulachd.

Lavender Menace air na rèilichean aig mullach stàidhrichean Sràid Fhoirbhe © Alison Orr
Taobh a-staigh bùth-leabhraichean Lavender Menace

Afton
Tha sin iongantach. Tha fìor fhaireachdainn de choimhearsnachd ann agus abair gur e sgeulachd àraid a th’ ann mu bhith a’ tòiseachadh. A bheil bùth fhathast air làrach?

Bob
Bha Lavender Menace a’ dol fon ainm sin fad còig bliadhna gu ruige 1987, nuair a ghluais sinn gu làrach air Sràid Dundas agus a dh’atharraich sinn ar n-ainm gu Bùth-leabhraichean West & Wilde. Bha mi fhìn agus am fear a tha a-nis pòsta agam agus mo chompanach gnothachais a’ ruith West & Wilde fad 10 bliadhna gus an do dhùin e ann an 1997. Bha iomadh adhbhar ann ceangailte ris an eaconamaidh, co-fharpais bho bhùithtean-mòra, toiseach an eadar-lìon, bha e doirbh dhuinn sinn fhìn a chumail air bhog agus a ràdh gun robh sinn ‘fhathast ann’. B’ fheudar dhuinn dùnadh. ’S mar sin, chan eil, chan eil e fhathast ann anns a’ chruth sin, ach stèidhich mi fhìn agus Sigrid Tasglann Leabhraichean Cuèir Lavender Menace gus na leabhraichean a bha sinn a’ reic a shàbhaladh.

Sigrid
Ann an 2015, bha James Ley, sgrìobhaiche dhealbhan-cluiche ann an Dùn Èideann, ag iarraidh sgrìobhadh mun bhùth-leabhraichean. Chaidh an dealbh-chluich, Love Song to Lavender Menace, a chur air an àrd-ùrlar air Theatar an Traverse ann an 2016. Mar thoradh air an dealbh-chluich chaidh iarraidh oirnn bruidhinn aig LGBT Òigridh na h-Alba agus airson a’ chiad uair, bhruidhinn sinn ri luchd-leughaidh LGBT nan làithean seo, cuid dhiubh a bha nan deugairean. Aon rud a bha air tighinn am follais dhuinn, b’ e gun robh mòran dhe na leabhraichean a bha air cruth atharrachadh a thoirt air beathannan ar luchd-ceannach air a dhol à sealladh. Cha robh fiù ’s fios aig daoine air ainmean nan sgrìobhaichean. Rinn sinn tachartas air-loidhne mu Iona NicGriogair, sgrìobhaiche iomraiteach do dhaoine òg anns na 60an agus na 70an agus a sgrìobh nobhail leasbach anns na 80an. Thuirt mòran dhaoine: “Bha mi cho toilichte cluinntinn mu ùghdar leasbach ùr’. Mar sin, chuir sinn romhainn na b’ urrainn dhuinn de na leabhraichean seo a shàbhaladh agus sgrìobhadh mun dèidhinn, gus stòr-data agus blog a chruthachadh agus gus tachartasan a chur air bhonn.

Afton
Tha sin sgoinneil gu bheil an tasglann beò sin ann tro na sgeulachdan aig daoine eile agus agaibh fhèin. Nuair a stèidhich sibh an toiseach an robh duine sam bith nar n-aghaidh?

Bob
Uill, seadh, cha thuigeadh a’ chuid bu mhotha de dhaoine dè bha ann am bùth-leabhraichean leasbach agus gèidh. Bha cuid a’ smaointinn gun robh sinn a’ reic drabastachd, cha thuigeadh daoine eile gun robh gu leòr de leabhraichean againn gus a’ bhùth a lìonadh. Agus mar sin bhon t-sealladh sin, thug e tòrr dhuinn gus dearbhadh a thoirt do dhaoine Tha sgeulachd aig Sigrid mu laoidh air a bhith air a seinn dhi...

Sigrid
Bha beagan duilgheadais againn anns a’ bhùth, an toiseach co-dhiù. Aig an toiseach bha e gu math neoichiontach. Aon latha, thàinig duine a-steach dhan bhùth agus sheas e aig na bileagan poilitigeach agus thòisich e air laoidhean a sheinn. Cha robh e a’ cur dragh air duine sam bith. Bha mi air fhaicinn roimhe agus bha coltas gur e cuideigin neoichiontach gu leòr a bh’ ann. Mar sin, sheas aon den luchd-obrach saor-thoileach agus mi fhìn air gach taobh dhe agus thuirt sinn ‘an urrainn dhuinn do chuideachadh?’ ris. Thuig e, rinn e gàire agus dh’fhàg e. Aon turas, thàinig deugaire a-steach agus chaith e leabhar thar an t-seòmair agus bha thu fhèin ann an latha sin a Bhoib.

Bob
Seadh, tapadh leat airson a chur nam chuimhne. Aigh, b’ e clann-sgoile bhon sgìre a bh’ annta. Mu dheireadh thall fhuair sinn leisgeul bho cheannard na sgoile, rud a bha glè mhath. Ach nuair a ghluais sinn gu Sràid Dundas, bha gnothaichean na b’ fhosgailte agus bhiodhte a’ cur peant air na h-uinneagan againn. Chaidh feuchainn turas no dhà air a’ bhùth againn a losgadh gu talamh. Ann an dòigh, ghabh sinn ris mar phàirt de bhith an siud. Ach chùm sinn oirnn. Fhuair sinn troimhe. Agus b’ e deagh shanasachd a bh’ ann dhuinn cuideachd.

Sigrid agus Bob

 

 

Cha thuigeadh a’ chuid bu mhotha de dhaoine dè bha ann am bùth-leabhraichean leasbach agus gèidh.

Bob

Afton 
Air an làimh eile, dè an tlachd a tha sibh air fhaighinn bho bhith a’ steidheachadh Lavender Menace agus an tasglann?

Sigrid 
Cha do dh’fhaighnich duine riamh a’ cheist sin agus tha mi air leth toilichte gu bheil thu air a faighneachd a-nis oir bha sin a’ ruith tron h-uile rud, fiù ’s na pàirtean tamhaineach. Sna làithean sin, tha e doirbh a mhìneachadh a-nis, ach cha robh dìomhaireachd dìreach na rud a bhiodh a’ nochdadh, bha e ann an gach mìr dhe do bheatha agus anns a h-uile rud a dhèanadh tu. Nuair a choisich mi fhìn agus mo chompanach sìos an t-sràid, bha againn ri bhith faiceallach nach coisicheamaid ro fhaisg air a chèile, gualainn ri gualainn. Bha a’ bhùth-leabhraichean na cothrom briseadh a-mach à sin agus a ràdh: “seo mise, seo na tha mi a’ creidsinn ann, agus ’s e seo a tha mi a’ seasamh air a shon’. Ann an dà dhòigh eadar-dhealaichte, aon, a chionn ’s gun robh sgrìobhadairean cuèir, agus a dhà, air sgàth cudromachd a bhith a’ sgrìobhadh agus ag innse na fìrinn mu chuspairean mu nach fhaodte bruidhinn. Bha mòran dhe na sgrìobhaichean sin air rudan gu math na bu mhiosa na bha sinne fhulang. Cha b’ urrainn do E.M. Forster an nobhail gèidh aige, Maurice, fhoillseachadh rè a bheatha, agus dh’fhuirich Iona NicGriogair fad a beatha cuideachd. Dh’fhoillsich i a ciad nobhail leasbach nuair a bha i sna 60an. Gus seasamh an aghaidh a h-uile rud a bha na phribhleid.

Bob
Seadh Dhòmhsa, bha an t-aoibhneas anns a h-uile rud a thuirt Sigrid, ach cuideachd a bhith a’ ruith na bùtha mar ghnothachas sam bith eile. Far an robh sinn ag iarraidh dearbhadh do dhaoine gum b’ e àite sàbhailte a bh’ ann dhaibh a bhith. Agus a bhith air chomas fàilte a chur air daoine le co-ionannachd agus sealltainn dhaibh gun robh cothrom dhaibh ionnsachadh mun dearbh-aithne aca fhèin tro leughadh.

Afton
Tha sin iongantach. Tapadh leibh airson sin a cho-roinn leinn, tha e cho math a chluinntinn. Tha mi a’ smaointinn gum feum sinn bruidhinn mun aoibhneas an cois gnothachasan agus iomairtean cuèir. Dè tha cudromach mu dhèidhinn a bhith a’ cruthachadh àite le sàbhailtechd agus far an tèid gabhail ri daoine ann an Dùn Èideann?

Sigrid
Thuirt cuideigin a bha na neach-ceannach agus a bhruidhinn mun bhùth fichead bliadhna an dèidh làimh seo, agus thuirt e gu math e:” “Gheibh mi na leabhraichean fhathast, ach chan fhaigh mi an t-àite’. Feumaidh gun robh e a’ ciallachadh tòrr do dhaoine a bhith air chomas a dhol dhan àite nuair a bha e fosgailte seachd latha san t-seachdain. Chan fheumadh iad leabhar a cheannach, dìreach coimhead air na h-ainmean agus ath-riochdachadh dhiubh fhèin fhaicinn air na sgeilpichean. Agus fios a bhith againn gun robh sinn uile air an aon duilleig. Thuirt aonan dhe na h-ùghdaran againn: “tapadh leibh airson oidhche ghèidh, agus tha sibh a’ tuigsinn na tha mi a’ ciallachadh.’ Dìreach a bhith ann an saoghal far am buineadh tu. Agus tha e a-nis ag ràdh sin ann am bùth-leabhraichean Category Is ann an Glaschu. Tha iad air ‘Buinidh tu’ a chur suas ann an litrichean mòra.

Am Pàipear Pink

Kate
Ghluais mi suas a Dhùn Èideann ann an 1990 agus cha robh mi a’ fuireach ann an Dùn Èideann, agus ged nach bithinn a’ tighinn dhan bhùth gu tric, bha e glan fhèin fios a bhith agam gun robh i ann. B’ e an àite a b’ aithne dhomh anns am faodainn a bhith cinnteach nan rachainn ann gum bithinn am measg mo chuid fhèin. Tha e math a-nis gu bheil mòran àiteachan ann do dhaoine cuèir nas fhaicsinniche, ach aig an àm sin cha robh e buileach mar sin. B’ àbhaist dhomh a dhol a-staigh agus coimhead airson mo leabhar agus mura robh e faisg gu leòr air an aghaidh, chuirinn aig an aghaidh e! [Sigrid agus Bob] tha mi cinnteach gun robh sibhse a’ cur a-mach ùghdarran a bhiodh a’ tighinn a-steach agus a’ gluasad leabhraichean mun cuairt! B’ e ionad coimhearsnachd a bh’ ann gu ìre cuideachd. Dh’fhaodadh tu The Pink Paper fhaighinn. Bha mise a’ sgrìobhadh ann agus thòisich sinn an 1987, sia seachdainean mus do thòisich gnothach Earrann 28. Agus mar sin, dh’fheumte dìreach fhaighinn agus b’ e West & Wilde an aon àite anns an robh fios agam gum faighinn e. Gheibheadh tu fiosrachadh mu na bha a’ dol air adhart. Bha e sònraichte math B’ e Oasis gèidh a bh’ ann!

Bob
Tha cuimhn’ agam a bhith air mo dhòigh gun robh thu nad nàbaidh dhuinn agus gum biodh tu a’ tighinn a-steach, Kate Bha mi a’ faireachdainn gun robh sinn air ceangal a dhèanamh leis a’ bhaile-mhòr aig deas.

Afton 
’S e àiteachan leithid Laveneder Menace as adhbhar gu bheil uiread de dh’àiteachan aithnichte cuèir ann. Tha e gam chur fhìn nam chuimhne a’ dol dha na h-àiteachan seo agus a’ faireachdainn nàdar de choimhearsnachd annta. Tha e math a bhith mun cuairt air daoine a tha dìreach coltach riut fhèin.
Kate, tha fhios agam gu bheil thu a’ dol a dhèanamh dealbh de Hamish Henderson [airson Laveneder Menace] agus tha ìomhaigh portraid ann dhe ann an Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba Am b’ urrainn dhuibh innse dhomh cò e?

Kate
Uill, cha b’ urrainn dhomh a bhith air mòran innse dhut mu dhèidhinn mus do chuir sinn romhainn seo a dhèanamh. Bha mi air cluinntinn mu dhèidhinn, bha fhios agam gum b’ e bàrd na làimhe-clì a bh’ ann ach cha robh fios agam gun robh e cuèir. Bha e dà-sheòrsach agus bha e moiteil mu bhith dà-sheòrsach cuideachd. Bha beatha cho iom-fhillte aige B’ e bàrd, sòisealach fad a bheatha, eadar-nàiseantach, cruinniche beul-aithris, iomairtiche agus dà-sheòrsach a bh’ ann. Thogadh e le màthair a bha na h-aonar a’ bruidhinn agus a’ seinn sa Ghàidhlig. Dh’fhaighnich e aon turas cò às a thàinig an t-òran seo, agus thuirt i nach robh feadhainn dhe na h-òrain a sheinneadh iad ann an leabhraichean idir. Agus chuir sin e air slighe a’ bheul-aithris e gu bhith a’ cruinneachadh òrain is stuthan eile. Cha robh a leithid ann Bha e gu mòr an sàs ann an Ath-bheòthachadh Albannach anns na 50an, bha e air cùl gnothaichean an sin. Ann an 1951 stèidhich e Fèis Dhùn Èideann an t-Sluaigh. Cho-stèidhich e cuideachd Sgoil Eòlais na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann. 

broad daylight (Tricia Malley and Ross Gillespie) Mr Hamish Henderson, 1919 - 2002. Honorary Fellow. School of Scottish Studies, University of Edinburgh 1997 © broad daylight (Tricia Malley and Ross Gillespie)

Bha e fosgailte mu a cho-sheòrsachd aig àm far an robh gnìomhan aon-sheòrsach an aghaidh an lagh ann an Alba gu ruige 1980. Bhruidhinn e aig Co-labhairt Còraichean Gèidh Eadar-nàiseanta ann an Dùn Èideann ann an 1974. Tha cuimhne aig uiread de dhaoine air. ’S dòcha gu bheil agaibhse cuideachd a bhob agus Sigrid, tha cuimhne aig mo chompanach Dianne air gu dearbh. Bhiodh e tric ann an Sandy Bell’s, an taigh-seinnse ainmeil airson ceòl traidiseanta. B’ e duine gu math aoigheil a bh’ ann. Tha mi cinnteach gum b’ e beagan de flaneur a bh’ ann! Bha e coltas gu math toilichte air anns na dealbhan a chunnaic mi dhe nuair a bha e air aois a ruighinn.

Afton
Tha choltas air gum b’ e duine iongantach a bh’ ann, agus thuiginn carson, ach saoil an inns thu carson a thagh thu Hamish gus a bhith na bhrosnachadh airson do dhealbhan?

Kate
Airson aon rud, chan eil mòran dhaoine dà-sheòrsach againn, agus chan eil mòran sgrìobhaichean ainmeil a tha fosgailte mu dhèidhinn agus mar sin bha esan gu math gu math annasach. Ged a tha Henderson cho cho cudromach ann an Alba an latha an-diugh, cha robh mòran dhaoine eòlach air. Abair duine, abair caractar.

Bob
An àiteigin: Tha For Us an iris [LGBTQ+] a tha air a bhith a-muigh airson greis, air alt a sgrìobhadh mu dhèidhinn agus b’ e sin a bhrosnaich mi gus fios a chur gu Kate.

Kate
Bhruidhinn e le tòrr faireachdainn mu mar a bha e [a bhith gèidh] nàdarrach Agus fhuair e càineadh gu leòr air a shon.

Sigrid 
Bha e ag iomairteachadh airson ùrachadh san lagh [còraichean agus gabhail ri LGBT+]. Tha fhios againn air sin. ’S ann dìreach airson seo a tha an tasglann, gus sgrìobhaichean agus luchd-rannsachaidh a bhrosnachadh gus a dhol air an rèidio, gus pod-chraolaidhean agus blogaichean a dhèanamh agus gus còmhradh a thòiseachadh mu sgrìobhaichean agus luchd-ealain cuèir Albannach.

Kate
Tha e air a bhith na bhonn-stèidh do mhòran rudan ann an Alba, cha bhiodh tòrr dhen cheòl air a bhith comasach às aonais fhèin no às aonais an ath-bheòthachaidh seo de dh’Albais agus de Ghàidhlig.

Afton
Tha coltas gur e duine fìor chudromach a tha ann an Hamish gus a chumail beò agus mar sin tha fadachd orm gus na dealbhan fhaicinn agus ’s e obair cho mìorbhaileach a tha sibh a’ dèanamh. Tapadh leibh.

27 April 2022