Ullaich do thuras

Tha Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba a’ coimhead às dèidh cuid dhe na cruinneachaidhean as fheàrr san t-saoghal de dh’ealain bhon Àird an Iar, le ealain bho na Meadhan-Aoisean chun an latha an-diugh; a’ gabhail a-steach cruinneachadh nàiseanta ealain na h-Alba. Tha sinn a’ gabhail cùram air, a’ leasachadh, a’ rannsachadh agus a’ taisbeanadh a’ chruinneachaidh seo a tha cudromach aig ìre cruinne agus, le prògram beòthail agus adhartach de ghnìomhan, thaisbeanaidhean, fhoghlam agus fhoillseachaidhean, tha sinn ag amas air a dhol an sàs, oideachadh agus ùidh a thogail am measg roinn cho farsaing ’s as urrainn dhen t-sluagh.

Tha sinn fosgailte gach latha agus tha e an asgaidh faighinn a-steach

Gailearaidh Nàiseanta na h-Alba

Fosgailte gach latha, 10m-5f, Diardaoin gu 7f
An asgaidh faighinn a-steach | Cosgais airson cuid de thaisbeanaidhean
Seòladh: Am Munnd, Dùn Èideann, EH2 2EL

Stiùireadh-slighe air Google Maps

Ann am meadhan a’ bhaile, tha Gailearaidh Nàiseanta na h-Alba furasta faighinn thuige.

Bidh gach bus a bhios a’ dol gu meadhan a’ bhaile a’ dol seachad air a’ ghailearaidh, agus tha e còig mionaidean a’ coiseachd bho Stèisean Rèile Waverley. Bidh sinn cuideachd a’ tabhann seirbheis bus shònraichte a bhios a’ ruith eadar na trì gailearaidhean. Chan eil ach aon àite pàiraidh aig a’ ghailearaidh do dhaoine le ciorram.

Mun Ghailearaidh

Tha Gailearaidh Nàiseanta na h-Alba air a dhèanamh an àirde an dà chuid le Togalach a’ Ghailearaidh Nàiseanta agus Togalach Acadamaidh Rìoghail na h-Alba. Tha an dà thogalach seo, a chaidh a dhealbhachadh le Uilleam Eanraig Playfair, ann am meadhan Dhùn Èideann.

Tha Gailearaidh Nàiseanta na h-Alba a’ taisbeanadh cuid dhen ealain as fheàrr anns an t-saoghal, agus am measg nam feadhainn a th’ ann tha Botticelli, Raphael, Titian, Rembrandt, Vermeer, Constable, Turner, Monet, Van Gogh agus Gauguin, cho math ri tòrr eile. Tha an cruinneachadh cuideachd a’ còmhdach eachdraidh peantaidh na h-Alba – tha na daoine cliùiteach gu lèir, nam measg Ailean Ramsay, Eanraig Raeburn, Dàibhidh Wilkie agus Uilleam Mac an t-Sagairt, air an riochdachadh ann.

Tha cuid de sheòmraichean dùinte mar phàirt de phròiseact mòr gus an Gailearaidh a leasachadh agus a leudachadh. Bidh a’ Bhùth agus na Cafaidhean fosgailte mar as àbhaist.

William McTaggart, The Storm (An Stoirm), 1890

Gailearaidh Nàiseanta Ealain Nuadh na h-Alba

Fosgailte gach latha, 10m-5f, (6f san Lùnastal)
An asgaidh faighinn a-steach | Cosgais airson cuid de thaisbeanaidhean.
Càite:  75 Rathad a’ Bhelford, Dùn Èideann, EH4 3DR

Stiùireadh-slighe air Google Maps

Suidhichte cairteal na h-uarach a’ coiseachd bho Shràid nam Prionnsachan no stèisean rèile agus stad thramaichean Margadh an Fheòir.

Bidh sinn cuideachd a’ tabhann seirbheis bus shònraichte a bhios a’ ruith eadar na trì gailearaidhean. Tha raointean chàraichean le cosgaisean pàircidh aig Gailearaidh Nàiseanta Ealain Nuadh na h-Alba cuideachd. Tha e a’ cosg £2 gach latha (faodar fuireach ochd uairean air a’ char as fhaide) agus feumar pàigheadh bho 9m gu 5f, seachd latha san t-seachdain.

Mun Ghailearaidh

Air fhosgladh ann an 1960, ’s e làrach air am feum daoine aig a bheil ùidh ann an ealain nuadh agus co-aimsireil a tha ann an Gailearaidh Nàiseanta Ealain Nuadh na h-Alba tadhal. Tha dà thogalach anns a’ ghailearaidh, stèidhte taobh a-staigh pàirc snaighte àlainn. Tha an cruinneachadh a’ toirt sealladh eachdraidheil air cuid dhe na h-obraichean ealain  as cudromaiche san fhicheadamh agus an aona linn air fhichead, tro obair ealain Pablo Picasso, Henri Matisse, Andy Warhol agus mòran luchd-ealain eile. Tha an cruinneachadh de dh’ealain nuadh na h-Alba air a thaisbeanadh taobh a-staigh co-theacsa eadar-nàiseanta, cho math ri taisbeanaidhean de dh’ealain co-aimsireil na h-Alba.

Samuel John Peploe, Barra (Barraigh), 1903

Tha cruinneachadh a tha aithnichte aig ìre na cruinne aig Gailearaidh Nàiseanta Ealain Nuadh na h-Alba de chruinneachaidhean ealain Dì-riochdachail agus Dada; cho math ris a’ chruinneachadh as motha de dh’obair Eduardo Paolozzi, le ath-thogail air a dhèanamh air an stiùidio aige.

Gailearaidh Portaid Nàiseanta na h-Alba

Fosgailte gach latha, 10m gu 5f, gu 7f air Diardaoin
An asgaidh faighinn a-steach | Cosgais airson cuid de thaisbeanaidhean.
Càite:  1 Sràid na Bànrigh, Dùn Èideann

Stiùireadh-slighe air Google Maps

Suidhichte ann am meadhan a’ bhaile air Sràid na Bànrigh, tha Gailearaidh Portraid Nàiseanta na h-Alba.

Tha Seirbheisean Bhusaichean Lodain 10, 11, 12, 16, 26 agus 44 uile a’ stad air an taobh a-muigh; tha cuideachd stad thramaichean faisg air làimh aig Ceàrnag Naomh Anndra. Cuideachd, tha an gailearaidh còig mionaidean a’ coiseachd bho Stèisean Rèile Waverley.

Chan eil e comasach càraichean a phàirceadh aig Gailearaidh Portraid Nàiseanta na h-Alba.

Mun Ghailearaidh

’S e Gailearaidh Portraid Nàiseanta na h-Alba fear dhe na togalaichean as annasaiche ann an Dùn Èideann – dh’fhosgail e dhan phoball ann an 1889 mar a’ chiad togalach a chaidh a thogail a dh’aona-ghnothaich airson a bhith na gailearaidh portraid. Tha an sgeadachadh riochdail, a-staigh agus a-muigh, le snaigheadh sònraichte agus dealbhan is ìomhaighean eireachdail, a’ ciallachadh gur e àite air leth sònraichte a th’ ann gus tadhal air.

Tha taisbeanaidhean aig a’ ghailearaidh a’ sgrùdadh phàirtean eadar-dhealaichte de sgeulachd na h-Alba agus a sluagh, air innse tro bheartas ìomhaighean. Am measg a’ chruinneachaidh tha portraidean de dhaoine ainmeil ann an eachdraidh leithid Màiri Bànrigh nan Albannach, am Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart agus Raibeart Burns, gu ruige daoine cliùiteach ann an saidheans, spòrs agus na h-ealainean.

Tha Cruinneachadh Dhealbhan-togte Gailearaidh Nàiseanta na h-Alba cuideachd anns a’ Ghailearaidh Portraid, le làrach taisbeanaidh sònraichte, cho math ri leabharlann adharail agus seòmar clò-bhualaidh. Bidh na taisbeanaidhean ag atharrachadh gu tric, agus mar sin tha daonnan rud ùr ri fhaicinn.

Charles Jervas, John Campbell, 3rd Earl of Breadalbane (Iain Caimbeul, treas Iarla Bhraghaid Albann), 1708

Cafaidhean

Tha cafaidhean a’ ghailearaidh againn a’ tabhann biadh blasta no cofaidh agus cèic ann an suidheachadh tarraingeach. Tha am biadh air fad air ullachadh air an làraich agus tha stuthan bìdh air am faighinn gu h-ionadail Bidh gach cafaidh cuideachd ag ullachadh biadh do luchd-cleachdaidh anns nach eil glutain agus toradh na bà.

Bùithean

Tha na bùithean gailearaidh a’ reic farsaingeachd de sheudan, obair-ciùird, bathar-criadha agus stuthan sònraichte eile a chaidh a dhèanamh le làimh le luchd-ealain agus luchd-cruthachaidh Albannach. ’S mar sin, mas ann a’ sireadh chlò-bhualaidhean no phostairean, leabhraichean no bhagaichean a thathar, tha a h-uile rud againne bho thraidiseanta no ùr-nòsach.

Gailearaidhean Compàirteachais

Tha Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba cuideachd ag obair le dà ghailearaidh com-pàirteachais ann an Alba: Taigh MhicDhuibh ann am Bainbh agus Taigh Phaxton ann an Crìochan na h-Alba.

Mu Thaigh MhiDhuibh

A’ seasamh mu choinneamh sgìre rìoghail Bhainbh ann an ceann a tuath na h-Alba, tha Taigh MhicDhuibh na eisimpleir air leth de dh’ailtireachd barocach. Chaidh a dhealbhachadh le Uilleam Adam ann an 1735 airson Uilleam MacDhuibh agus bhon àm sin tha e air a bhith air a chleachdadh mar thaigh teaghlaich, taigh-òsta, sanaidh agus mar champa phrìosanach cogaidh. Chaidh an taigh fhosgladh a-rithist ann an 1995 mar thaigh dùthchail agus gailearaidh. Tha raointean farsaing an taighe a’ toirt cothrom coiseachd thar Abhainn Deveron agus cuideachd taigh-adhlacaidh gotaigeach an teaghlaich MhicDhuibh.

Tha Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba a’ toirt a’ chuid as motha de dh’obair ealain an taighe, a’ fosgladh cruinneachadh sàr ealain nàiseanta na h-Alba do luchd-amhairc ùra. Am measg nam feadhainn as cliùitiche tha obair le El Greco, Thomas Gainsborough agus Henry Raeburn. Tha Leabharlann Dhùn na Muir-ail, anns a bheil 4,000 nì, cuideachd anns an togalach agus faodar sealltainn orra le uair aontachadh ro làimh. Tha seòmar tì agus bùth air ìre na talmhainn (tha e an asgaidh faighinn a-steach an sin), cho math ri taisbeanaidhean rè-ùine le luchd-ealain agus buidhnean tadhail.

Tha farsaingeachd de dhòighean ruigsinneachd ann. Tha àrdaichear ri fhaighinn gu làraichean nan gailearaidh agus gheibhear cathraichean-cuibhle ma thèid an iarraidh. Gheibhear lùb ion-duchtadh dhaibhsan aig a bheil duilgheadasan claisneachd.

Barrachd Fiosrachaidh

Airson làn fhiosrachadh air uairean fosglaidh, cosgaisean airson faighinn a-steach agus stiùiridhean chun an làraich, tadhail air làrach-lìn Àrainneachd Eachdraidheil Alba

Tadhail air làrach-lìn Àrainneachd Eachdraidheil Alba

 

Mu Thaigh Phaxton

Tha Taigh Phaxton stèidhte air bruaichean Abhainn Thuaidh, faisg air Beirig air Thuaidh Air a dhealbhachadh le Iain agus Seumas Adam ann an 1758, ’s e ’s dòcha an eisimpleir as fheàrr de thaigh dùthchail Palladian bhon ochdamh linn deug ann am Breatainn agus tha cruinneachadh cudromach de dh’àirneis Chippendale ann. Ann an 1811, chuir an ailtire à Dùn Èideann Raibeart Reid an gailearaidh dhealbhan a chaidh a thogail a dh’aona-ghnothaich ann an taigh dùthchail Albannach.

Tha an taigh stèidhte ann am meadhan ochdad acair de ghàrraidhean, chraobhan agus phàircean ruigsinneach. Faisg air làimh, tha an taigh-bàta Bhictòrianach agus taigh-tasgaidh iasgach a’ bhradain air a bhith air ath-stèidheachadh mar phàirt den abhainn. Tha làraichean cuirm-cnuic, làraichean gus ainmhidhean air beathaichean agus raon-chluiche air a bhith air an cur air dòigh do theaghlaichean a bhios a’ tadhal.

An-diugh, tha an gailearaidh ealain aig Paxton a’ sealltainn gu sònraichte air ealain Breatannach bho 1760 gu 1840, air a thoirt bho chruinneachadh Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba agus tha ealain ann le Henry Raeburn, Dàibhidh Wilkie and Tòmas Lawrence, am measg eile. Tha bùth agus seòmar tì ann do luchd-tadhail.

Barrachd Fiosrachaidh

 Gus barrachd fiosrachaidh fhaighinn air uairean fosglaidh, cosgaisean faighinn a-steach agus siùiridhean, tadhail air làrach-lìn Taigh Phaxton

Tadhail air làrach-lìn Taigh Phaxton