Patricia NicDhòmhnaill | Beachdachadh air deigh ri leaghadh

Atharrachadh Cruth: Deigh a’ leaghadh, Lochan Lunain, Alba, 2003

San Dàmhair agus san t-Samhain 2021 ghlac dà cho-labhairt bhunaiteach aire an t-saoghail, tè mu staid brùite an ‘nàdair’, is tè mu atharrachadh na gnàth-shìde: Co-labhairt Bith-Iomadachd an UN (Còmhdhail air Iomadachd Nàdair(CBD) COP15, Earrann 1), ann an Kunming (air-loidhne), eadar 11 - 15 Dàmhair; agus an 26mh Co-labhairt an UN mu Atharrachd na Gnàth-Shìde, an Glaschu, 31 Dàmhair- 12 Samhain (COP26). Tha dlùth-cheangal eadar an dà chuspair a làimhsich an dà cho-labhairt eadar-dhealaichte sin. ’S e dìreach ar feum mar dhaoine èiginn slàn ar linn a roinn gus an tuigear nas fheàrr i, a dh’adhbhraich gun deach an dà chuspair a dheasbad air leth – chan aithnich an nàdar fhèin an leithid de sgaradh idir

Ciamar a tha sinn a’ faireachdainn a-nis mu dheigh a' leaghadh? 

San fhoillseachadh seo, an dàrna pàirt de sreath de trì (thàinig a’ chiad earann a-mach san Dàmhair agus thàinig an treas a-mach nas ainmiche san t-Samhain), tha Patricia NicDhòmhnaill (à Oilthigh Dhùn Èideann agus a’ bhuidhinn comhairleachaidh Aerographica) a’ tòiseachadh le eisimpleirean eile de na dealbhan ealain aice a thogadh bhon adhar, a-mach à cruinneachadh Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba, gus beachdachadh air gnothaichean àrainneachd a bhuineas do atharrachadh na gnàth-shìde, is bith-iomadachd an cois sreath de làraichean iomraiteach Albannach - thathas a’ cuimseachadh an seo air deigh ri leaghadh.

Tha sinn uile eòlach air an deigh a dh’fhàsas air uachdar lochan is aibhnichean, agus fiù 's air oirean mara nuair a dh'fhàsas an t-sìde fuar gu leòr anns a’ gheamhradh ann an Alba agus ann an dùthchannan meanbh-bhlàth eile mu thuath (agus mu dheas). Agus an uair a bhlàthaicheas cùisean a-rithist anns an t-Earrach, mar a tha fios againn, bidh an deigh a’ leaghadh is a’ briseadh. Corra uair, às dèidh ùine fhada de dh’fhuachd - a tha nas dualtaiche ann an sgìrean polar san fhìor àirde tuath seach an fheadhainn meanbh-bhlàth - thig an deigh gu bith ann an dòigh fìor iongantach, ga taomadh fèin sreath às dèidh sreath ann an tiùrran-deigh, mar a chithear sa phrìomh ìomhaigh an seo, a rinneadh os cionn Loch Lìobhainn, agus i a’ tòiseachadh a dh’aiteamh às dèidh ùine fhada de dh’fhìor fhuachd. Thathas a’ sùileachadh tuilleadh den leithid an seo - a dh’aindeoin gach dùil - le blàthachadh na cruinne. 

Is e a tha anns an dealbh seo aig an aon àm clàradh de thachartas aimsireil (‘atharrachadh cruth’) mar a bhios an deigh a’ leaghadh, agus ìomhaigh de bhòidhchead nàdarrach iongantach. Tha cumhachd samhlachail iomadh-fhillte nach beag na lùib mu na tha ’reòite’ agus mu aiteamh. Agus tha na samhlaidhean sin gan còmhdachadh san ìomhaigh seo le riochdan samhlachail cumhachdach eile - boireann agus fireann - an t-eilean dorcha, na fhòid, coillteach, air a bhualadh leis an tùr bhàn, cheart-cheàrnach, glaiste ri chèile san raon uisge reòite mun cuairt orra. Agus chì iadsan a tha eòlach air eachdraidh na h-Alba tuilleadh samhlaidhean eile an seo, leis gum b’ e seo fear de na h-àitichean far an deach Màiri Bànrigh na h-Alba truagh a chumail fo ghrèim (b’ e an suaicheantas maireannach aice am bràiste airgead 'Luckenbooth,’ a chithear fo smal an seo, ann an cruth cridhe le car ann).

Eilean a' Chaisteil is deigh ri briseadh, Loch Liobhann, Alba, 1987 bho Sgàile Nèimh (1989)

San àm a dh’fhalbh, bhiodh na samhlaidhean a bu chumanta a bhithte a’ ceangail ri reothadh is leaghadh - eadar obair ìomhaighean obair-ealain, is ann an sgeulachd, a’ cur cuideam air na seadhan saidhg-eòlach, air dè a tha math mu aiteamh - smaoinichibh air sgeulachd Hans Christian Andersen Bànrigh an t-Sneachd, agus an riochd as ùire dheth sam film Frozen, a thàinig a-mach ann an 2013: am film dealbh-beò a bu mhò a choisinn airgead ann an eachdraidh, àite nach do chaill e gu 2019, nuair a ghlac an deasachadh ùr den Lion King, (tha tuilleadh samhlaidhean an sin, is dòcha, dhaibhsan a tha dualtach fhaicinn…)   

'S e tè eile de dh’obraichean Patricia NicDhòmhnaill ann an NGS an obair de trì-ìomhaighean: Atharrachadh Cruth: Deigh ri Leaghadh, Àir. 1, a nì tuilleadh sgrùdaidh air samhlaidhean reothaidh agus leaghaidh - na faireachdainnean co-cheangailte ri gaothan blàth a’ sèideadh tro anam reòite, a’ leigeil ma sgaoil droch-aignidhean glaiste agus a’ cruthachadh lùths agus comas-cruthachaidh.   

Sreath Atharrachaidh Chruth Àir. 1: Deigh a’ leaghadh, Loch Moraig agus Loch Mathair-Eite, Coille Athaill agus Mòinteach Raineach, 1990 à Airworks (2001)

Sa chiad ìomhaigh de na trì a chithear an seo, air an làimh chlì, chithear deigh ri leaghadh ga briseadh gu fiadhaich agus sgàineadh dorcha nan uisgeachan fosgailte a’ sgrìobadh an uachdair reòite mar spògan biorach; san treas ìomhaigh, air an làimh dheis, chithear an caochladh, saorsa is gluasadan dannsair aighearraich (coltach ris an neach beòthail ann an dealbh ainmeil co-dhèanta Barbara Morgan Spring on Madison Square, 1938). Agus a thaobh na h-ìomhaigh sa mheadhan thuirt Sara Stevenson, a bha na Phrìomh Neach-glèidhidh Dealbhan san NGS, gur e a bha innte: ‘àite de chomas’. Ach chan eil mòran ceist an seo nach eil leaghadh na deigh ceangailte ri deagh fhaireachdainnean mun earrach a’ tighinn agus beatha a’ tòiseachadh as ùr.   

Ach ann an saoghal atharraichte an là an-diugh, is dòcha gu bheil seo uile a’ fàs tòrr nas toinnte. A-nis, anns an linn ùr Anthropocene seo de dh’atharrachadh na gnàth-shìde, blàthachadh na cruinne agus an cunnart bho leaghadh ceapan-deighe agus eigh-shruthan an t-saoghail, a bheil sinn fhathast den aon bheachd mu leaghadh deigh? Ciamar a rèitichear na faireachdainnean eadar-dhealaichte a tha gan dùsgadh? Cha ghabh a ràdh fhathast - buinidh ìomhaigh làidir ath-bhreith don Earrach fhathast. Ach tha taobh eile air na faireachdainnean a bhios againn nuair a chì sinn cruth ùr air cnap deigh agus e dol na sruth uisge agus an uair sin na thuil de dh’uisge, nuair a smaoinicheas sinn air an fhearainn a thèid fodha agus a’ mhuir ag èirigh, agus na thachras gu h-ionadail agus air taobh siar na Roinn-Eòrpa mar dh’fhàilligeas Sruth a' Chuain Siar a Tuath – dìreach dà thoradh a dh’fhaodadh a thighinn bhon deigh a’ leaghadh anns a’ Ghraonlainn agus san Antartaig – a bharrachd air mar a chaillear bith-beò gach neach a tha an urra ri uisge riatanach ga leigeil a-mach mean air mhean air feadh na bliadhna bho sneachd beinne a bha uair a’ coimhead maireannach.

Patricia NicDhòmhnaill: Patricia & Aonghas Dòmhnallach ann am pleana beag ri sgèith – fèin-dealbh ann an sgàil (Brockenspectre) air sgòth
Robin Gillanders: Aonghas & Patricia Dòmhnallach

Na dealbhan gu lèir © Patricia & Aonghas Dòmhnallach mura canar an caochladh

Mun ùghdar: ’S i an t-Oll. Patricia NicDhòmhnaill FRSE neach-rannsachaidh àrainneachd; Co-eòlaiche Urramach aig Oilthigh Dhùn Èideann agus Colaiste Ealain Dhùn Èideann, agus sàr neach dealbh is neach ealain a tha ainmeil son a cuid ìomhaighean-adhair brìoghmhor, a rinn i còmhla ri a co-oibriche aig a’ bhuidhinn comhairleachaidh Aerographica, An t-Àrd-Oll. Aonghas Dòmhnallach, cuideachd à Oilthigh Dhùn Èideann. Tha a h-obair ga taisbeanadh is ga foillseachadh gu h-eadar-nàiseanta, agus ann an cruinneachaidhean poblach, companaidh is prìobhaideach air feadh an t-saoghail. ’S i ùghdar is co-ùghdar tuilleadh is deich leabhair/catalogan is iomadh aiste. 

Faicibh tuilleadh obraichean le Patricia NicDhòmhnaill aig làrach-lìn Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba
Leanaibh naidheachdan ùra air làrach-lìn Aerographica

14 February 2022