Mu dheidhinn a’ ghoireis seo
Tha an goireas seo a’ leigeil le luchd-teagaisg ìomhaighean leithid Monarc a’ Ghlinne, bhon chruinneachadh aig Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba, a chleachdadh mar innealan leis am faod iad Sgilean Cruthachalachd agus ionnsachadh eadar-chuspaireil a bhrosnachadh. Chaidh a dhealbhadh gus feumalachdan Curraicealam airson Sàr-mhathais a choileanadh.
Raon aoise
Tha sinn air eacarsaichean a chruthachadh a dh’aona-ghnothach air chor ’s nach bi iad ag amas air ìre shònraichte, oir tha creideas againn ann am breith phroifeiseanta an luchd-teagaisg; faodaidh tu gnothaichean atharrachadh air chor ’s gum bi iad freagarrach do bhuidheann sam bith, tro gach ìre ionnsachaidh sa bhun-sgoil, san àrd-sgoil agus ann am foghlam inbhich.
Tagh cuspair
Facal-toisich air Monarc a’ Ghlinne
Aig àm nuair a tha Alba a’ sònrachadh àite làidir dhi fhèin mar nàisean ùr, eadar-dhealaichte, dè tha an ìomhaigh seo a’ ciallachadh dhuinne an-diugh?
An robh fios agad…?
- Chaidh a pheantadh leis a’ pheantair as fheàrr le Banrigh Bhictòria.
- Chaidh a choimiseanadh gu bhith air a chrochadh ann an seòmraichean-bìdh ann an Taighean ùra na Pàrlamaid.
- Aig an àm a chaidh a pheantadh, bha Fuadaichean nan Gàidheal a’ tachairt agus daoine bochda gan cur a-mach às an taighean gus am fearann a chleachdadh airson adhbharan coimeirsealta, leithid sealgaireachd nan damh donn agus spòrsan eile nam beartach.
- Pheant an neach-ealain e anns an stiùideo aige ann an Lunnainn.
- Bha an neach-ealain gu h-iongantach dìorrasach, a’ cur seachad deicheadan a’ tarraing dhealbhan is a’ peantadh dhealbhan air na h-aon chuspairean.
- Mar thè dhe na h-ìomhaighean as so-aithnichte anns an t-saoghal, chaidh Monarc a’ Ghlinne a mhac-samhlachadh ann an sansan-reice is cuimhneachain agus tha luchd-ealain fhathast a’ dèanamh iomradh air an-diugh.
- Gu ruige 2017, bha am peantadh fhathast ann an cruinneachaidhean prìobhaideach is corporra.
- An dèidh tagradh poblach ann an 2016, agus tabhartasan bho air feadh an t-saoghail agus maoineachadh bho Mhaoin-dualchais a’ Chrannchuir, bhon Mhaoin Ealain agus bho Riaghaltas na h-Alba, agus air cumhaichean fàbharach bho na seilbheadairean Diageo Scotland Ltd, cheannaich Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba an dealbh airson muinntir na h-Alba.
Bidh daoine a’ cur meas no dìmeas air. Dè do bheachd-sa air?
