Uilleam Mac an t-Sagairt

’S e Uilleam Mac an t-Sagairt (1835-1910) fear dhen luchd-ealain sheallaidhean-tìre Albannach as cliùitiche agus as measaile air a bheil daoine, agus a chruthaich ìomhaighean cumhachdach agus seasmhach de dh’Alba. Rugadh an neach-ealain ann an Àros ann an Cinn Tìre ann an 1835 agus bhiodh buaidh aig an àrach a fhuair e anns an àite dhùthchail sin cuide ris fad a bheatha. Aig 12 bliadhna a dh’aois fhuair Mac an t-Sagairt preantasachd  le ceimigear, an Dr Iain Bochanan, ann an Glaschu, agus bha esan cudromach na bheatha-ealain thràth oir dh’aithnich agus bhrosnaich e a thàlant a thaobh na h-ealain. Chuir Bochanan Mac an t-Sagairt an eòlas an neach-ealain Daniel Mcnee, a thuirt gum bu chòir do Mhac an t-Sagairt oideachadh foirmeil fhaighinn ann an ealain.

Uilleam Mac an t-Sagairt, Sgrùdadh Beatha air Modail Fireann na Shuidhe Rùisgte, 1850's
Uilleam Mac an t-Sagairt, Sgrùdadh air Mòlltair de Venus à Milo , 1850's

Mar dhuine òg dealasach agus lasanta, ghluais Mac an t-Sagairt a Dhùn Èideann aig aois sia-deug, gu mòr an aghaidh na bha athair ag iarraidh. Chaidh e do dh’Acadamaidh nan Urrasairean ann an Dùn Èideann ann an 1852, agus fhuair e oideachadh bho Robert Scott Lauder, a sheall dha mar a dhèanadh e dealbhadh agus peantadh ‘anns a’ chuairt’ bho sheann mhòlldairean agus bho mhodailean beatha. Ann an sgrùdadh Beatha air modail Fireann na Shuidhe Rùisgte, 1850an, tha e a’ sgrùdadh nan ìrean de sholas a bhiodh nam pàirt cho cudromach de na seallaidhean-tìre Albannach aige. Aig Acadamaidh nan Urrasairean bhuannaich e iomadh duais, agus nam measg sin bha a’ chiad duais airson a bhith peantadh bhon bheatha agus bho sheann rud. Fiù ’s mar oileanach leasaich e obair ann a bhith dèanamh dhealbhan de dhaoine agus ann an dòigh-ealain ro-Raphaelite, agus bha e a’ siubhal a Shasainn agus a dh’Èirinn gus coimiseanan a choileanadh. Aig an àm seo bhiodh Mac an t-Sagairt a’ taisbeanadh gu tric aig Acadamaidh Rìoghail na h-Alba (Royal Scottish Academy - RSA) ann an Dùn Èideann agus an Acadamaidh Rìoghail ann an Lunnainn. Fhuair an neach-ealain òg soirbheas agus e gu math òg ann an 1859 nuair a chaidh ballrachd pàirtich a bhuileachadh air leis an RSA agus gun e ach fichead ’s a ceithir bliadhna a dh’aois; aona-bliadhn’ deug an dèidh sin fhuair e làn bhallrachd.

Chùm Mac an t-Sagairt dìleas ri a dhualchas Albannach tron dreuchd aige; tràth anns na 1860an, nuair a bha uiread de na sgoilearan eile aig Acadamaidh nan Urrasairean air gluasad a Lunnainn, dhiùlt esan sin a dhèanamh. Dh’fhaighnich a charaid, an t-ailtire agus an sgrìobhadair T. S. Robertson an robh e air beachdachadh a dhol còmhla riutha, agus b’ e am freagairt a fhuair e, ‘Cha robh, b’ fheàrr leam a bhith sa chiad àite nam dhùthaich fhìn na anns an dàrna àite ann an dùthaich eile.’

Uilleam Mac an t-Sagairt, Luchd-cruinneachaidh a’ Bhiathaidh, 1890
Uilleam Mac an t-Sagairt, An Stoirm , 1890

Bho na 1880an pheant Mac an t-Sagairt a’ chuid as motha de na canbhaisean mòra aige a-muigh. Bha an dòigh leathann, chruthachail anns am biodh e a’ dèiligeadh le peant  agus an dòigh en plein air aige air a bhith air a coimeas ri luchd-ealain eile san Roinn Eòrpa aig an àm, gu sònraichte na h-Impressionists Frangach. Ach, thathar a-nis dhen bheachd gun robh buaidh nas leantainniche agus nas maireannaiche aig na cleasan ealain aig an neach-ealain sheallaidhean-tìre, John Constable, air dòigh-obrach Mhic an t-Sagairt. Chùm Mac an t-Sagairt air peantadh gu àm a bhàis ann an 1910, aig aois 75 agus tha e air a thìodhlacadh ann an Cladh Newington ann an Dùn Èideann. Tha mòran de na pìosan ealain as cudromaiche aige ann an cruinneachaidhean ealain poblach anns an RA, anns an Tate agus ann an Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba nam measg sin.

 

Clann agus Cuairt na Beatha

Tha Mac an t-Sagairt gu math aithnichte san latha an-diugh airson a dhealbhan de chloinn, cuspair chun an tilleadh e uair is uair tron bheatha-obrach aige. Fhad ’s a bha e fhathast na oileanach aig Acadamaidh nan Urrasairean thòisich e air dealbhadh agus peantadh nuair a bhiodh iarraidh air gus taic ionmhais a chumail ris fhèin. Am measg nan eisimpleirean tràth air an dealbh ann an cailc, Dithis Nighean agus Cù, 1857, a tha caran coltach ris an obair aig an neach-ealain Albannach Daniel Macnee.

 

 

Uilleam Mac an t-Sagairt,Dithis Nighean agus Cù, 1857
Sir Daniel Macnee, A’ Bh-ph. John Aitken , 1849

Pheant Mac an t-Sagairt seallaidhean sgeulachdail cuideachd anns an robh clann am follais gu mòr agus bha buaidh orra sin le peantairean ro-Raphaelite leithid William Holman Hunt agus John Everett Millais, agus bhiodh e air tighinn tarsainn air an obair acasan ann an 1857 aig Taisbeanadh Ulaidhean Mhanchester. Caran coltach ris na Ro-Raphaelites, bha an obair thràth aig Mac an t-Sagairt gu math mionaideach agus gu tric bhiodh teachdaireachdan ion-chuimhneachail agus bàrdail annta.

Uilleam Mac an t-Sagairt, An t-àm a dh’fhalbh agus an t-àm seo , 1860

Bha neoichiontachd na h-òige na chuspair air an robh Ro-Raphaelites measail agus b’ e cuspair a bh’ ann a sgrùd Mac an t-Sagairt ann an iomadh dealbh, An t-àm a dh’fhalbh agus an t-àm seo, am measg sin mu 1860, a bha air a choimiseanadh leis a’ chruinniche-ealain Raibeart Craig à Glaschu. Stèidhichte ann an cladh de sheann eaglais Chill Chuslainn, tha clann Mhic an t-Sagairt a’ cluich le neoichiontas an cois nan uaighean briste air feasgar grianach, gun for aca air an ùine dol seachad agus air am bàs fhèin.

Bha neoichiontachd na h-òige na chuspair air an robh Ro-Raphaelites measail agus b’ e cuspair a bh’ ann a sgrùd Mac an t-Sagairt ann an iomadh dealbh, An t-àm a dh’fhalbh agus an t-àm seo, am measg sin mu 1860, a bha air a choimiseanadh leis a’ chruinniche-ealain Raibeart Craig à Glaschu. Stèidhichte ann an cladh de sheann eaglais Chill Chuslainn, tha clann Mhic an t-Sagairt a’ cluich le neoichiontas an cois nan uaighean briste air feasgar grianach, gun for aca air an ùine dol seachad agus air am bàs fhèin.

Uilleam Mac an t-Sagairt, Earrach, 1864
Uilleam Mac an t-Sagairt, Foghar, 1863

Chaidh Earrach, 1864 agus a chompanach Foghar (ann an cruinneachadh prìobhaideach), a pheantadh air tionnsgalaiche aodaich ann an Dùn DèG.B. Simpson, agus a bha cuideachd na neach-ealain amaitaireach. Caran coltach ris na  h-Impressionists Frangach, tha na dealbhan seo a’ glacadh solas agus sealladh de ràith shònraichte. Eu-coltach ris na h-Impressionists, bha dealbhan Mhic an t-Sagairt ìomhaigheach agus air am planadh gu cùramach an àite a bhith air an dèanamh faisg agus ann an riochd dìreach. Tha Earrach a’ comharrachadh na h-òige agus beòthalachd tro chlann òg, agus tha Foghar le coimeas eadar seann bhoireannach na seann aois. Sgrìobh Mac an t-Sagairt gu Simpson, ‘Bu thoil leam cuideigin ann am Foghar am beatha agus clann a’ tilleadh bho bhith a’ togail smeuran fhaicinn a’ coinneachadh'. Thuirt e cuideachd an dèidh gnothaich, ‘Tha mi air faireachdainn deireadh feasgair a chur air na figearan agus air an t-sealladh-tìre agus tha mi a’ smaointinn gun toir e faireachdainn dhan rud gu lèir.'

Uilleam Mac an t-Sagairt, Na h-Iasgairean Òga, Bho, 1876
Uilleam Mac an t-Sagairt, Ri Cuantan Samhraidh, Bho 1890 – 1896

Iasgach agus Coimhearsnachdan Dùthchail

Bha na 1870an nan àm atharrachaidh ann an dealbhan Mhic an t-Sagairt, nuair a bha an dà chuid a stoidhle agus na cuspairean anns na dealbhan aige a’ dol tro atharrachadh mòr. Tha na dealbhan Ro-Raphaelite aige le seallaidhean faisg de chloinn air am fàgail agus tha e a’ dèanamh dhealbhan de bhàtaichean iasgaich no de dh’iasgairean, no de dh'achaidhean farsaing, agus far a bheil am peant a’ tighinn air am bàrr le sgrìobhan, strìochdan. Bha tòna air fhàgail gu aon taobh agus bha aire air a chur air beartas nan dathan, uachdar agus eadar-fhigheachd.

 

Uilleam Mac an t-Sagairt, Dealbhan de dh’eathraichean ann an Acarsaid le cuideigin a’ crochadh Lìn gus Tiormachadh
Uilleam Mac an t-Sagairt, Gealach an Abachaidh , Bho 1899

Thòisich Mac an t-Sagairt a bhith air a bheò-ghlacadh le gnìomhachas an iasgaich agus beatha dhùthchail ann an Alba agus bhiodh e tric a’ tadhal air coimhearsnachdan air taobh an Iar agus air taobh an Ear na h-Alba ’s e a’ dol air tursan dealbhaidh agus peantaidh. Air a’ Chosta an Ear thadhail e air Cair Ail ann am Fìobha, Westhaven agus Càrn Ùstaidh agus air an taobh an Iar thadhail e air Taobh an Iar Arainn, An Tairbeart agus Eilean Ì. Bha e stèidhichte anns an sgìre air an robh e cho miadhail, Cinn Tìre, a’ tilleadh ann samhradh an dèidh samhradh air saor-làithean teaghlaich. Bha na sgrùdaidhean beòthail, lom aige bhon àm sin a’ sealltainn gun robh e air a bheò-ghlacadh le bàtaichean iasgaich (eathraichean) agus bàtaichean seòlaidh, leithid Dealbh de bhàtaichean agus Dealbh de dh’Iasgairean Sgadain, na dhà sin bho 1883.

Uilleam Mac an t-Sagairt, Dealbh de Bhàtaichean, Mu 1883
Uilleam Mac an t-Sagairt, Dealbh de dh’Iasgairean Sgadain, Mu 1883

Ged a bha seallaidhean-tìre agus mara air a bhith air teis-meadhan a chuid obrach, bha daoine fhathast cudromach anns na dealbhan aig Mac an t-Sagairt. Bha e air a bheò-ghlacadh le coimhearsnachdan iasgaich far an robh daoine a’ tighinn còmhla ann an dlùth cho-aonadh le nàdar. Ged a bha na daoine anns na dealbhan aige gu tric air an sealltainn aig an obair, mar ann an A’ Dol a dh’Iasgach, 1871 agus Luchd-cruinneachaidh a’ Bhiathaidh,  1879, tha e mar gu bheil iad air an glacadh anns an àm, a’ faighinn tlachd bhon t-saorsa, bho ghaoth agus èadhar na talmhainn no mara. Tha e a’ toirt urram mhòr dhan obair chunnartach a bha iad a’ dèanamh, agus bidh e tric a’ togail air rud sònraichte dhen dreuchd aca, leithid àireamhan nam port agus nan eathraichean a tha eadar-dhealaichte airson a h-uile gin. B’ e bàtaichean ceart a bh’ annta seo le daoine fìor a bhuineadh do na coimhearsnachdan sònraichte.

Uilleam Mac an t-Sagairt, A’ Dol a dh’Iasgach , 1871

Bha dealbhan de na h-iasgairean aig a’ chosta a’ còrdadh ri sgoiltean peantaidh Barbizon Frangach agus Hague. Bha buaidh air Mac an t-Sagairt bho pheantairean Hague leithid David Adolphe Constant Artz agus Jozef Israëls agus bha an dithis aca sin a’ taisbeanadh dhan RSA anns na 1860an agus na1870an. Bhiodh peantairean Barbizon agus Hague tric a’ sealltainn dhaoine a’ dèanamh obair chruaidh, ach bha an luchd-obrach aig Mac an t-Sagairt na bu shaorsnaile, agus iad tric a’ gabhail air an socair no nan laighe. Bha na beachdan aig Mac an t-Sagairt agus peantairean sgoil Hague a’ tighinn ri chèile anns na dòighean ann am biodh iad a’ riochdachadh chloinn a’ grunnachadh aig oir an uisge no a’ cluich no ri obair shaorsnachail. Tha sin ann an Air Tràigh Gheal, 1870 no Dithis Chloinne a’ Grunnachadh, 1877. Thadhail Mac an t-Sagairt air Israëls anns an Hague rè turas goirid Eòrpach ann an 1882.

Jozef Israëls, A Sea Urchin, mu 1880
Uilleam Mac an t-Sagairt, Dithis Chloinne a’ Grunnachadh, bho 1877

An t-Sìde agus na Ràithean

 

Bha nàdar atharrachadh na sìde agus nan ràithean a’ beò-ghlacadh Mac an t-Sagairt air feadh a bheatha-obrach. Bhiodh e tric a’ toirt tiotalan ràitheil do na dealbhan aige gus àm na bliadhna a chomharrachadh, leithid Earrach, agus uaireannan fiù ’s an t-àm dhen latha, leithid Feasgar Foghair. Anns a’ phortraid a rinn e dheth fhèin chuir e ris am fo-thiotal Sgrùdadh air Duilleagan Daraich san Fhoghar. Bha e gu mòr a’ faicinn na beatha tro na ràithean, le òige agus earrach a rèir a chèile, agus daoine nas sine mar gum biodh iad ann am foghar na beatha.

Uilleam Mac an t-Sagairt, Feasgar Foghair, Broomieknowe, 1905
Uilleam Mac an t-Sagairt, Sgrùdadh air Duilleagan Daraich san Fhoghar (Portraid dheth fhèin), bho 1892

Tha solas, àite agus èadhar a’ fàs nas cudromaiche dha bho na 1870an,  mar a thòisich na dealbhan aige a bhith ann an stoidhle nas eas-chruthach. Rè an ama seo bhiodh Mac an t-Sagairt tric a’ taisbeanadh le RSA agus Institiùd Ghlaschu agus thòisich e a bhith a’ faighinn cliù anns na meadhanan nàiseanta.

Uilleam Mac an t-Sagairt, Dol Fodha na Grèine Sàmhach, Machaire Shanais
James Abbott McNeill Whistler, Nocturne: An Fhùirneis, 1886

Bha Mac an t-Sagairt air a bheò-ghlachadh le Cinn Tìre, an sgìre dom buineadh e, agus leis na dòighean sam biodh an solas a’ sìor atharrachadh agus far an robh an t-uisge trìd-shoilleir. An dèidh 1876 thilleadh e ann gu tric air saor-làithean teaghlaich agus bha e mar chuspair anns a’ chuid as motha de na dealbhan as cudromaiche aige. Tha Dol Fodha na Grèine Sàmhach, Machaire Shanais, a’ glacadh farsaingeachd solais Bàgh Mhachaire Shanais le fàire gun bhriseadh aige, aig dol fodha na grèine le fèath ann. Gu ruige deireadh nan 1870an thòisich Mac an t-Sagairt air eòlas a chur air peantadh Frangach, agus cuideachd air an obair tònach aig an neach-ealain Aimeireaganach James Abbot McNeal Whistler. Tha na comharran lom, agus an solas soillseach ann an Nocturnes aige a’ sruthadh tro dhol fodha na grèine aig Mac an t-Sagairt.

Uilleam Mac an t-Sagairt, An Stoirm, 1890

Anns na 1880an, bha dealbhan oir-thìreach Mhic an t-Sagairt a’ gluasad gu ruige cunnartan a’ chuain, gu sònraichte ann an droch shìde. ’S e An Stoirm, 1890, tè de na dealbhan as ainmeile aig Mac an t-Sagairt agus cuideachd ’s i tè de na dealbhan as cumhachdaiche aige. Chaidh a chur air dòigh ann an stiùidio Mhic an t-Sagairt, ach stèidhichte air riochd nas lugha dhen dealbh a rinn e ann an Carradal ann an Cinn Tìre ann an 1883. Tha an dealbh a’ glacadh cumhachd an adhair thàirneanach, sgailceadh na gaoithe agus muir ghàbhaidheach le sguaban bruise beòthail agus dathan làidir. Ged a tha na figearan anns an dealbh cha mhòr air an call gu lèir ann an sguaban na bruise-peant, ’s e an dòigh anns a bheil iad a’ strì an aghaidh neart agus cumhachd na mara an rud as cudromaiche anns an dealbh. Tha strì de leithid sin ann eadar mac an duine agus nàdar ann an Bàta-seòlaidh air Muir Stoirmeil agus Gèiltean Reothairt. Acarsaid Chair Ail, 1884.

Uilleam Mac an t-Sagairt, Bàta-seòlaidh air Muir Stoirmeil
Uilleam Mac an t-Sagairt, Na Gèiltean Reothairt. Acarsaid Chair Ail, 1884

Tha an t-saorsa agus an t-sìde fhiadhaich ann am peantaidhean Mhic an t-Sagairt air a bhith air an coltachadh ri Impressionists na Frainge. ’S dòcha gum faca Mac an t-Sagairt an cuid obrach aig taisbeanadh Durant Ruel ann an Lunnainn ann an 1883 agus tha e cudromach gun do thòisich e air na pìosan a bu mhotha aige a pheanntadh a-muigh an dèidh an ama seo. Ach, ann an 1885, rinn an criotaig Walter Armstrong coimeas eadar Impressionism agus an Sgoil Albannach de ‘pheantadh gharbh’, rud a bu fhreagarraiche ri Mac an t-Sagairt. Bha am peantair Breatannach John Constable cuideachd a’ toirt spionnadh do Mac an t-Sagairt, agus bha lethbhreac aige de Memoirs of John Constable le Leslie bho 1845. Bha an ceangal aig Constable ris an talamh dhùthchasach aige fhèin, an ùidh a bh’ aige ann an ceanglaichean eadar dhaoine agus an talamh agus na seallaidhean aige air an aimsir uile a’ còrdadh gu mòr ri Mac an t-Sagairt.

Cuspairean Eachdraidheil

 

Anns na 1880an agus na 1890an bha Mac an t-Sagairt air a bheò-ghlacadh le sreath de chuspairean tioma agus eachdraidheil, ach bha e daonnan aig ìre air choreigin a’ sgrùdadh ceangal mhic an duine ris an àrainneachd. Rinn e trì dealbhan mòra a bha a’ sgrùdadh mar a dh’fhàg na h-eilthirich Alba air an t-slighe gu Aimeireaga. B’ e Seòladh Bàta nan Eilthireach, 1895, an tè mu dheireadh anns an t-sreath seo. Rugadh Mac an t-Sagairt do phàrantan aig an robh Gàidhlig, agus bha a phiuthar Barbara agus an duine aice am measg an t-sluaigh mhòir a dh’fhàg taobh an iar na h-Alba agus a chaidh gu Aimeireaga no Canada ann am meadhan na 19mh linn. Bha Mac an t-Sagairt a’ faireachdainn uallach pearsanta airson crìonadh an t-sluaigh Ghàidhealaich bho an dachaighean agus pheant e an cuspair le tiamhaidheachd. Bha cùis an fhearainn, na fuadaichean agus eilthireachd air leth cudromach aig an àm a pheant Mac an t-Sagairt seo. Ann an 1883 chaidh Eachdraidh nam Fuadaichean Gàidhealach le Alasdair MacCoinnich fhoillseachadh, agus ann an 1886 chaidh Achd Talamh Croitearachd (Alba) a chur an gnìomh, agus chuir sin crìoch air fuadach nan Gàidheal le bhith a’ toirt còir air an fhearann do na croitearan.

 

Uilleam Mac an t-Sagairt, Seòladh Bàta nan Eilthireach, 1895

Chìthear bàta nan eilthireach a’ seòladh air falbh gu ruige adhar gruamach, stoirmeil, le muinntir a’ chinnidh aca fo bhròn air an talamh. Tha an dòigh fharsaing anns a bheil e a’ cleachdadh peanta a’ glacadh iomadachd an adhair, na mara agus na talmhainn agus tha na daoine air an gabhail a-steach leis an t-sealladh-tìre a tha mun cuairt orra. Sgrìobh aon chriotaig ann an 1899, ‘’S e sgeulachd crìonadh sluaigh, eilthireachd agus gluasadan gu tìrean cèin a th’ ann. Tha e a’ dèanamh luaidh ann an tìrean fad às air “an t-seann dùthaich”, agus air cridheachan briste aig an dachaigh.’ Bhiodh Mac an t-Sagairt fhèin air tuigse phearsanta fhaighinn air an ùpraid mhòr a bhiodh aig na h-eilthirich agus an càirdean, agus a phiuthar air gluasad gu beatha ùr air taobh thall a’ chuain. Os cionn a’ bhàta, anns an adhar stoirmeil, chuir e bogha-frois, seann ìomhaigh dòchais agus toiseach-tòiseachaidh ùr.

Uilleam Mac an t-Sagairt, Tighinn Naomh Chaluim Cille, 1895

Bha ùidh mhòr aig Mac an t-Sagairt anns na freumhan Ceilteach aige, agus tha beartas de dh’fhianais seann eachdraidh ann an sgìre Chinn Tìre, an sgìre san do rugadh e fhèin. Ann an 1897, chaidh iomadach tachartas a chumail (nam measg sin slighe taistealach Caitligeach) gu Eilean Ì gus 1300 bliadhna bho bhàs Chaluim Cille a chomharrachadh. Thàinig Calum Cille a dh’Alba bho Èirinn ann an AD 563, agus thàinig e air tìr an toiseach ann an Cinn Tìre. Thòisich Mac an t-Sagairt air an cuspair seo a sgrùdadh ann an sreath ùr de dhealbhan, agus nam measg sin bha Tighinn Naomh Chaluim Cille ann an 1895. Chan e tighinn Chaluim Cille gu Eilean Ì air a th’ air a riochdachadh anns an dealbh seo ach a’ chiad turas a thàinig e a dh’Alba, gu Cinn Tìre.  

Tha solas làidir na maidne, an iar air Machaire Shanais air a riochdachadh gus inbhe Chaluim Cille a chomharrachadh mar thoiseach tòiseachaidh air sìobhaltas agus cultar nan Ceilteach ann an Alba. Tha e nas coltaiche gur e Bàgh Dhùn Abhartaidh aig a’ Cheann a Deas a thagh Mac an t-Sagairt airson seo, le creag mhòr a’ dol dhan mhuir. Rugadh Mac an t-Sagairt beagan mhìltean bhon Cheann mu Dheas agus bhiodh e air a bhith gu math eòlach air an sgìre. Tha Caibeal Chaluim Cille a’ laighe taobh a-staigh Cladh a’ Chill, dìreach taobh a-muigh Ceann mu Dheas. Ann an lios na h-eaglaise tha clach ann le làraichean coise agus a rèir beul-aithris ’s iad làraichean-coise Chaluim Cille. Tha e gu math iomchaidh gun do chleachd Mac an t-Sagairt a mhion eòlas air an àite gus suidheachadh iomchaidh a thoirt dhan t-sealladh seo.

Dìleab

 

Dh’eug Mac an t-Sagairt le trioblaidean cridhe aig a dhachaigh ann an, Dean Park, ann am Broomieknowe, Lasswade air 2 Giblean 1910. Chaidh aithris air a bhàs anns na pàipearan nàiseanta, agus chaidh mòran de na peantairean eile dhen àm, Sir James Guthrie, a bha an uair sin na Cheann-suidhe air Acadamaidh Rìoghail na h-Alba, nam measg sin dhan tìodhlacadh aige. Phòs an nighean a bu shine aig Mac an t-Sagairt, Annie (1864-1949) James Caw, a’ chiad Stiùiriche air Gailearaidh Nàiseanta na h-Alba, agus sgrìobh esan eachdraidh-beatha Mhic an t-Sagairt. Tha an leabhar aige bho 1917 air beatha Mhic an t-Sagairt na stòras luachmhor de dh’fhiosrachadh le cuideigin dhen teaghlach agus bho eachdraidhche ealain, agus fhathast ’s e fear de na tùsan fiosrachaidh as cudromaiche air fear dhen luchd-ealain as cliùitiche agus as ùr-ghnàthasaiche ann an Alba. Anns an earr-ràdh, thuirt Caw mu Mac an t-Sagairt gur e neach-ealain a bh’ ann 'A bha ann an gaol le iongnadh agus sgairteas an t-saoghail, b’ e beatha a bh’ ann, no b’ e sealladh a bh’ ann air saoghal a chaidh a chruthachadh san eanchainn no sa mhac-mheanmna le nàdar agus ceangal mhic an duine rithe, a dh’fheuch e air a ghlacadh agus ath-chruthachadh na ealain.'

 

 

Lachlan Goudie air Uilleam Mac an t-Sagairt


B’ e Uilleam Mac an t-Sagairt (1835-1910) fear de na peantairean seallaidhean-tìre Albannach a b’ fheàrr anns an 19mh linn. Tha an dealbh aige, ‘An Stoirm’ (1890) àm air tè de na dealbhan am measaile air a bheil daoine anns a’ chruinneachadh nàiseanta againn agus chanadh cuid gur i an dealbh as fheàrr aige. Tro a bheatha-obrach, bhiodh e a’ tilleadh gu a sgìre dhùthchail ann an Ceann Tìre. An seo, tha an neach-ealain Lachlan Goudie a’ toirt iomradh air a bhith a’ tadhal air tràighean gaothach far am biodh Mac an t-Sagairt ag obair, agus mar a tha seo air barrachd tuigse agus meas air an obair aige.

Download transcript