Cuspairean sòisealta

Tha seo mar phàirt de shreath de ghoireasan a tha a’ dèiligeadh ris a’ chuspair Fèin-aithne Albannach: Cò aige a tha an co-dhùnadh air cò th' annainn? Tha an earrann seo a’ cleachdadh Monarc a’ Ghlinne agus obraichean-ealain buntainneach eile gus cuspairean sòisealta a chur fon phrosbaig, a’ tairgse ìomhaighean, ceistean agus gnìomhan a dh’fhaodar rannsachadh le luchd-ionnsachaidh de gach aois.

Sir Edwin Landseer The Monarch of the Glen About 1851

Chaidh seann Lùchairt Westminster, ri taobh na h-Aibhne Thames ann an Lunnainn, na smàl anns an Dàmhair 1834, agus chaidh Taighean ùra na Pàrlamaid, a tha fhathast ann an-diugh, a thogail na àite. Stèidhich am Prìomhaire aig an àm Coimisean Rìoghail nan Ealain gus co-dhùnaidhean a dhèanamh air dè obraichean-ealain a bhiodh air an crochadh anns an togalach ùr. Sa mhòr-chuid, bha na coimiseanairean nam Buill Pàrlamaid, luchd-ealain agus luchd-trusaidh ealain.

Choimisean iad cuspairean eachdraidheil agus teamaichean mòra, a’ togail air Linn an Ath-bheothachaidh Eadailtich, airson a’ mhòr-chuid den togalach. Chuir iad romhpa gum bu chòir na seòmraichean-bìdh a sgeadachadh le seallaidhean de dh’àitichean cudromach, ion-chomharraichte no de shealladh-dùthcha bho sgìrean dùthchail.

Chaidh iarraidh air Landseer sreath de thrì peantaidhean a chruthachadh airson nan seòmraichean-bìdh. Gu traidiseanta, bha inbhe ìseal aig peantadh ainmhidhean, a bha fada fo chuspairean bho eachdraidh dhaonna agus bho fhionn-sgeul; mar sin, b’ fheudar do Landseer dealbh a dhèanamh a bhiodh a’ togail meanmna agus a’ cliùthachadh.

Air sgàth iomagainean mu dheidhinn àrdachadh nan cosgaisean, cha deach na trì peantaidhean a choileanadh riamh, agus cha deach an crochadh riamh ann an Taighean na Pàrlamaid. Chan eil fhios againn dè bha Landseer an dùil a chruthachadh airson an dà dheilbh eile.

Ann am Breatainn an linn Bhictòria, bhathar a’ faicinn an t-saoghail nàdarra mar rudeigin air an robh smachd aig a’ chinne-daonna airson tlachd, spòrs no goireasan, agus bhathar ga mheasadh le mòran mar thìodhlac bho Dhia. Bha aire ga àrdachadh air sochair ainmhidhean, agus bha an tuigse aig saidheans air an t-saoghal nàdarra gu bhith a’ toirt leum air adhart le teòiric a’ mhean-fhàis.

Gheibh thu ìomhaighean bho chruinneachadh Pàrlamaid na h-Alba, a tha ag amas air spiorad is dualchas na dùthcha a ghlacadh, aig http://www.parliament.scot/visitandlearn/15456.aspx. Gheibhear fiosrachadh air cruinneachadh ealain Thaighean na Pàrlamaid ann an Lunnainnn aig www.parliament.uk/art.

Ceistean

Saoil…

  • dè seòrsa ealain a lorgas sinn anns na h-àitichean as cudromaiche san dùthcha againn?
  • cò tha a’ dèanamh nan co-dhùnaidhean anns an dùthaich againn agus ciamar a tha na co-dhùnaidhean aca a’ toirt cumadh air ar beatha?

Dè tha na sgoilearan agad a’ smaointinn mu dheidhinn àite na h-ealain anns a’ chomann shòisealta againn?

Iarr air na sgoilearan agad ceistean a chruthachadh, no feuch ris na ceistean shìos.

 

Mu do dheidhinn

Dè tha ri fhaicinn ann an t-seòmar-bìdh na sgoile agadsa? A bheil ealain ann?

Dè an ceangal eadar nàdar agus thusa?

Cò tha a’ dèanamh cho-dhùnaidhean mu dheidhinn do bheatha-sa?

Dè tha againn a-nis nach robh againn ann an 1850, nuair a bhathar a’ peantadh Monarc a’ Ghlinne?

Cumhachd an deilbh

A bheil an damh na ainmhidh freagarrach airson taisbeanadh ann an seòmar-bìdh Thaighean na Pàrlamaid? Dè bhiodh freagarrach agus dè nach biodh freagarrach?

Am bu chòir ealain ann an Taighean na Pàrlamaid a bhith a’ sealltainn an ama a chaidh seachad, an t-àm làthaireach no an t-àm ri teachd?

Cuin/càit an deach ainmhidhean a chleachdadh mar chomharran-inbhe no comharran-cumhachd?

A bheil feadhainn de dh’obraichean-ealain nas cudromaiche na feadhainn eile? Dè na h-obraichean-ealain a tha airidh air crochadh ann an àitichean cudromach?

Fèin-aithne

Cò aige a bu chòir don cho-dhùnadh a bhith air dè an ealain a chì sinn anns na h-àitichean as cudromaiche san dùthaich againn?

Cò tha a’ dealbhadh nam bailtean, bailtean-mòra, àitichean-obrach agus dachaighean againn?

Cò aige a tha an co-dhùnadh air cò tha annainn?

Gnìomhan

Gheibhear an seo trì beachd-smuainean a dh’fhaodadh a bhith gad chuideachadh gus Monarc a’ Ghlinne a chleachdadh mar phàirt den churraicealam. Tha sinn a dh’aona-ghnothach air eacarsaichean a mholadh nach bi ag amas air ìre shònraichte, oir tha creideas againn ann am breith phroifeiseanta an luchd-teagaisg; faodaidh tu gnothaichean atharrachadh air chor ’s gum bi iad freagarrach do bhuidheann sam bith agus clàr-ama sam bith.

Seall dhomh cumhachd

Murdo MacLeod Tom Kitchin, b.1977. Chef 13 September 2010 Copyright and Photography by Murdo MacLeod.
  • Seall do na sgoilearan taghadh mòr de dh’ìomhaighean, pàipearan-naidheachd, irisean, cairtean-puist msaa.
  • Iarr air na sgoilearan, ann am buidhnean, collage a chruthachadh de dh’ìomhaighean no faclan a tha, nam beachd-san, a’ sealltainn ‘cumhachd’.
  • Dèan còmhradh air, ‘Dè tha ann an cumhachd? Cò aige a tha e?’ Dè an cumhachd a th’ agadsa?
  • A-nis, innis don chlas gu bheil bun-stòr ùr air am faod iad tarraing: an sgoil aca. Dh’fhaodadh na sgoilearan dealbhan a thogail, no dealbhan a tharraing, no sgrìobhadh mu dheidhinn nan suidheachaidhean a gheibhear ann an àrainneachd na sgoile aca a tha, nam beachd-san, a’ sealltainn cumhachd ann an diofar dhòighean.

’S iad na sgilean cruthachalachd a thathar a’ leasachadh: a bhith ceasnachail; a’ rannsachadh caochladh bheachdan; agus a’ fuasgladh dhuilgheadasan.

’S iad na ceanglaichean a dh’fhaodar dèanamh ri Curraicealam airson Sàr-mhathais: poilitigs ann an Cuspairean sòisealta; agus a’ labhairt ann an Litearrachd.

An dealbh air chall

David Mach Gavin Hastings, b. 1962. Rugby player 1996 © David Mach
  • Bruidhinn ris a’ chlas mu Mhonarc a’ Ghlinne agus mar gun robhar an dùil gum biodh e air a chrochadh ann an Taighean na Pàrlamaid còmhla ri dà dhealbh eile a chaidh a choimiseanadh bhon aon neach-ealain, ’s e sin mar phàirt de thrì-chòmhla (triptych).
  • Dè seòrsa cuspair a tha freagarrach airson Taighean na Pàrlamaid?
  • Cò ris a dh’fhaodadh an dà dhealbh eile a bhith coltach, nad bheachd-sa?
  • Ann am buidhnean, cruthaich obair-ealain ùr a bhios a’ coileanadh an trì-chòmhlaidh airson comann sòisealta an latha an-diugh.

’S iad na sgilean cruthachalachd a thathar a’ leasachadh: mac-meanmna; a’ fuasgladh dhuilgheadasan; a bhith sùbailte, deònach atharrachadh agus a’ dèiligeadh gu math le mì-chinnt.

’S iad na ceanglaichean a dh’fhaodar dèanamh ri Curraicealam airson Sàr-mhathais: eachdraidh ann an Cuspairean sòisealta; ealain-shùla ann an Cuspairean cruthachail; agus a’ labhairt ann an Litearrachd.

Ealain anns a’ choimhearsnachd agad

Richard Wright The Stairwell Project 2010 © The Artist
  • Iarr air na sgoilearan obraichean-ealain a lorg anns an sgìre ionadail aca agus lorg iad seo air a’ mhapa.
  • Iarr air a’ bhuidheann diofar obraichean-ealain a rannsachadh. Iarr orra faighinn a-mach cò a choimisein iad agus carson a chaidh an coimiseanadh.
  • Dè a’ bhuaidh a tha aig ealain anns na h-àitichean seo? m.e. a’ tàladh luchd-turais, a’ comharrachadh tachartas no neach, a’ sgeadachadh àite.
  • Dèan co-dhùnadh air làraichean ùra far a bheil ealain a dhìth agus cuir air adhart molaidhean airson ealain a lìonas na beàrnan.
  • Rach air ais don mhapa agus cuir ris na molaidhean agad gus sealladh ùr fhaighinn den sgìre ionadail.
  • Dh’fhaodadh an obair-ealain ùr seo a chur ann an diofar àitean, air chor ’s gum faicear mar a bhiodh a’ choimhearsnachd a’ gabhail ri clann is daoine òga a’ dèanamh cho-dhùnaidhean air maise an àite phoblaich.

’S iad na sgilean cruthachalachd a thathar a’ leasachadh: a’ dèanamh rannsachadh èifeachdach; leantalachd; a’ clàradh phàtranan is caochlaidhean (anomalies).

’S iad na ceanglaichean a dh’fhaodar dèanamh ri Curraicealam airson Sàr-mhathais: eachdraidh ionadail ann an Cuspairean sòisealta is Cuspairean cruthachail; agus cruinn-eòlas ann an Cuspairean sòisealta.

Luchdaich an goireas seo a-nuas mar PDF