Slàinte agus sunnd

Tha seo mar phàirt de shreath de ghoireasan a tha a’ dèiligeadh ris a’ chuspair Fèin-aithne Albannach: Cò aige a tha an co-dhùnadh air cò th’ annainn? Tha an earrann seo a’ cleachdadh Monarc a’ Ghlinne agus obraichean-ealain buntainneach eile gus slàinte agus sunnd a chur fon phrosbaig, a’ tairgse ìomhaighean, ceistean agus gnìomhan a dh’fhaodar rannsachadh le luchd-ionnsachaidh de gach aois

Sir Edwin Landseer, Monarc a’ Ghlinne (mu 1851).

A rèir coltais, bha Landseer na dhuine anabarrach dìorrasach agus tapaidh. A dh’aindheoin brisidhean-dùil pearsanta, bha e dealasach air ealain a dhèanamh, gu h-àraid peantadh ainmhidhean.

Thòisich Landseer air fèidh a pheantadh anns na 1830s agus bha e a’ dèiligeadh ri cuspairean coltach ri seo airson nan ath trì deicheadan. Bha e a’ rannsachadh ainmhidhean taighe agus ainmhidhean tuathanais, a bharrachd air creutairean cian-thìreach ann an lannan fhiadh-bheathaichean. Ann an 1815, thaisbein e aig Acadamaidh Rìoghail nan Ealan. Bha a sheann oide-ionnsachaidh ga bhrosnachadh a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn corp-eòlas ainmhidhean agus dealbhan nan seann mhaighstirean, agus chaidh e gu clasaichean air corp-eòlas ainmhidhean. Tha na dealbhan-tarraing aige a’ nochdadh gum b’ e a rùn làn-thuigse fhaighinn air corp-eòlas nan ainmhidhean agus mar a bhios iad a’ gluasad.

Dh’fhàs Landseer gu bhith na pheantair coileanta, beartach, ach ann an 1840 dh’fhuiling e droch bhriseadh-inntinn. Is dòcha gun deach adhbharachadh le mòran nithean, nam measg an cudrom-inntinn a dh’fhuiling e bhon spàirn gus dealbhan a chrìochnachadh, bho bhàs a mhàthar agus bho bhrisidhean-dùil na bheatha phrìobhaidich. Mean air mhean, chaidh Landseer am feabhas, ach bha buaidh ann air a’ chùrsa-obrach. Bha mì-chliù aige airson mòran ùine a ghabhail air na dealbhan aige agus uaireannan gam fàgail neo-chrìochnaichte.

Ceistean

Saoil…

  • gu dè ìre a bhios do chur-seachadan, ùidhean agus brisidhean-dùil a’ sònrachadh cò thu agus mar a chì daoine eile thu?

Dè bhios na sgoilearan agad a’ smaointinn air slàinte agus sunnd?

Iarr air na sgoilearan agad ceistean a chruthachadh, no feuch ris na ceistean shìos.

Ath-Leumachd

A bheil deagh rèis-aire (attention span) agad? Dè cho fada is urrainn dhut caitheamh air rudeigin mus fàs thu sàraichte? Dè as urrainn dhut dèanamh airson ùine mhòr? Carson a tha seo?

Am b’ urrainn dhut an t-aon chuspair a pheantadh fad 30 bliadhna? Nam b’ urrainn, dè bhiodh ann?

Dè do bheachd air an abairt, ‘Mur soirbhich leat an toiseach, feuch is feuch is feuch a-rithist?’

Amasan is Miannan-Adhartais

Ciamar a tha luchd-ealain a’ cur ri bhith a’ dèanamh an t-saoghail na àite nas fheàrr?

Ciamar a tha thusa a’ cur ri bhith a’ dèanamh coimhearsnachd na sgoile agad na àite nas fheàrr?

Dè bhiodh tu ag iarraidh atharrachadh mu dheidhinn na sgoile no coimhearsnachd agad? Ciamar a b’ urrainn dhut seo a thoirt gu buil?

Fèin-aithne

Nad bheachd-sa, am biodh e doirbh a bhith nad pheantair cliùiteach? Dè na nithean matha is dona mu dheidhinn cliùiteachd?

Dè na h-ùidhean a th’ agad? Cò às a thàinig iad?

Ciamar a bhios suidheachaidhean pearsanta a’ toirt cumadh air cò th’ annainn?

Cò aige a tha an co-dhùnadh air cò th’ annainn?

Gnìomhan

Gheibhear an seo trì molaidhean a dh’fhaodadh do chuideachadh gus Monarc a’ Ghlinne a chleachdadh mar phàirt den churraicealam. Tha sinn a dh’aona-ghnothach air eacarsaichean a mholadh nach bi ag amas air ìre shònraichte, oir tha creideas againn ann am breith phroifeiseanta an luchd-teagaisg; faodaidh tu gnothaichean atharrachadh air chor ’s gum bi iad freagarrach do bhuidheann sam bith agus clàr-ama sam bith.

Bidh a h-uile rud gu math

Martin Creed Work No. 975 EVERYTHING IS GOING TO BE ALRIGHT 2008 © Martin Creed. All rights reserved. DACS, London 2023
  • Iarr air na sgoilearan ‘mapa-inntinn’ a chruthachadh de dh’fhaclan a tha, nam beachd-san, ‘brosnachail’. Dh’fhaodadh gum biodh iad ag iarraidh na faclan seo a chluinntinn nan robh iad a’ dèanamh spàirn gus rudeigin a choileanadh.
  • Iarr orra, ann am buidhnean beaga, bratach a chruthachadh a chleachdas na faclan. Iarr orra a bheachdachadh air mar a dh’fhaodadh iad am bratach a dhèanamh soilleir, dalma agus a ghlacas aire.
  • A-nis, iarr air na buidhnean a’ bhratach aca a chrochadh ann an àite far a bheil iad a’ smaointinn gum faodar a faicinn le cuideigin a tha a dhìth air brosnachadh, m.e. san raon-chluiche, san leabhar-lann msaa

’S iad na sgilean cruthachalachd a thathar a’ leasachadh: a’ cruthachadh agus a’ cur gleans air beachdan; dìcheall; agus co-obrachadh.

’S iad na ceanglaichean a dh’fhaodar dèanamh ri Curraicealam airson Sàr-mhathais: ealain-shùla anns na h-Ealain Chruthachail; agus ath-leumachd ann an Slàinte agus sunnd.

An t-ainmhidh nam bhroinn: fèin-dhealbh

Julian Opie Escaped Animals 2002 © Julian Opie. All rights reserved. DACS, London, 2023
  • Cleachd Monarc a’ Ghlinne mar ìomhaigh-tòiseachaidh. Iarr air a’ chlas liosta a dhèanamh de bhuadhairean a bheir cunntas air an damh.
  • A-nis, seall dhaibh 2 ainmhidh eile (m.e. caora/nathair). Iarr orra dè tha na h-ainmhidhean seo a’ riochdachadh agus dè na feartan a bu dual dhaibh, an coimeas ris an damh.
  • Iarr air gach sgoilear buadhairean a sgrìobhadh sìos a bheir cunntas dhiubh fhèin agus dhe na prìomh neartan aca.
  • A-nis, feumaidh gach sgoilear ainmhidh no ball-cuirp de dh’ainmhidh a thaghadh a bhios a’ riochdachadh gach neirt. Mar eisimpleir, dh’fhaodadh sgiathan eòin a bhith a’ riochdachadh lùths, no corp tairbh a’ bhith a’ riochdachadh neart.
  • A-nis, iarr orra ainmhidh ùr a chruthachadh aig a bheil diofar bhall-cuirp gus iad fhèin a riochdachadh gu h-iomlan.
  • Thoir ainm don ainmhidh ùr.
  • Cruthaich taisbeanadh agus bileagan fiosrachaidh a mhìnicheas carson a thagh iad am measgachadh sin de bhuill-chuirp.

’S iad na sgilean cruthachalachd a thathar a’ leasachadh an seo: a’ tionnsgnadh; a’ measadh buaidh is soirbheas fhuasglaidhean; agus a’ cleachdadh smaoineachadh taobhach (lateral thinking).

’S iad na ceanglaichean a dh’fhaodar dèanamh ri Curraicealam airson Sàr-mhathais: Slàinte agus Sunnd; sgilean taisbeanaidh ann an Litearrachd; agus na h-Ealain Cruthachail.

Tha mi mar a tha mi a’ dèanamh

Milton Rogovin Family of Miners, Scotland, 1982 1982 © Center for Creative Photography, University of Arizona
  • Bha Landseer a’ tarraing is a’ peantadh ainmhidhean a-rithist is a-rithist. Iarr air na sgoilearan, ann am buidhnean beaga, a bhith ag innse mu na h-ùidhean is cur-seachadan aca do chàch a chèile?
  • A-nis, iarr air na sgoilearan mapa a dhèanamh air cò às a tha na h-ùidhean sin a’ tighinn. Cò thòisich iad air an ùidh? Dè tha a’ còrdadh riutha mu dheidhinn a’ chur-seachad?
  • Dèanadh iad suaip de na sgilean aca: dè b’ urrainn dhaibh teagasg do càch a chèile?
  • Iarr air na sgoilearan obair còmhla gus taisbeanadh a chur ri chèile a’ tha a’ sealltainn nan ùidhean aca. Bu chòir uimhir ’s a ghabhas de smachd a bhith aca air an taisbeanadh.
  • Faighnich de na sgoilearan dè dh’ionnsaich iad bho chàch a chèile agus cò ris a bha e coltach a bhith a’ feuchainn ri rudeigin ùr a dhèanamh a bha ma dh’fhaoidte doirbh no far an robh feum ann air gnàthachadh no a bha dùbhlanach dhaibh.

’S iad na sgilean cruthachalachd a thathar a’ leasachadh: comasach air a bhith a’ stiùireadh chùisean is ag obair còmhla ri daoine eile, a shealltainn tionnsgnadh, fèin-smachd, dìorras agus ath-leumachd.

’S iad na ceanglaichean a dh’fhaodar dèanamh ri Curraicealam airson Sàr-mhathais: Slàinte agus sunnd; sgilean taisbeanaidh ann an Litearrachd; agus eachdraidh teaghlaich ann an Cuspairean Sòisealta.

Luchdaich an goireas seo a-nuas mar PDF