Tha seo mar phàirt de shreath de ghoireasan a tha a’ dèiligeadh ris a’ chuspair Fèin-aithne Albannach: Cò aige a tha an co-dhùnadh air cò th' annainn? Tha an earrann seo a’ cleachdadh Monarc a’ Ghlinne agus obraichean-ealain buntainneach eile gus fìorachd chruthaichte a chur fon phrosbaig, a’ tairgse ìomhaighean, ceistean agus gnìomhan a dh’fhaodar rannsachadh le luchd-ionnsachaidh de gach aois.
Air turas gu Alba, rinn Landseer tadhal air an nobhailiche ainmeil Sir Walter Scott (1771-1832). Shiubhail e chun na Gàidhealtachd agus bha e air a bheò-ghlacadh leis na seallaidhean-tìre ion-chomharraichte, leis na daoine air an do thachair e agus leis na bha e a’ meas mar romansachd eachdraidh na h-Alba.
Nuair a pheant e, bhiodh Landseer ag atharrachadh a’ chuspair aige a rèir toil nam pàtranan aige. Chruthaich Landseer Monarc a’ Ghlinne anns an stiùideo aige ann an Lunnainn agus cho-dhealbh e pioctair de dh’Alba bho a chuimhne is bho a bheachdan fhèin.
Ri a bheò, bha na dealbhan aige a’ cuideachadh gus ìomhaigh romansach de dh’Alba airson luchd-turais a bhrosnachadh, an àite a bhith a’ clàradh fìorachd troimh-a-chèile is easbhaidh a chaidh adhbharachadh le fuadaichean co-èignichte ris an canar Fuadaichean nan Gàidheal.
Ceistean
Saoil …
- an urrainn dhuinn daonnan dealachadh a dhèanamh eadar fìrinn is ficsean?
Dè tha na sgoilearan agad a’ smaointinn mu dheidhinn fìorachd chruthaichte?
Iarr air na sgoilearan agad ceistean a chruthachadh, no feuch ris na ceistean shìos.
Gnìomhan
Gheibhear an seo trì gnìomhan a tha a’ coimhead aig fìorachd chruthaichte. Tha sinn a dh’aona-ghnothach air eacarsaichean a mholadh nach bi ag amas air ìre shònraichte, oir tha creideas againn ann am breith phroifeiseanta an luchd-teagaisg; faodaidh tu gnothaichean atharrachadh air chor ’s gum bi iad freagarrach do bhuidheann sam bith agus clàr-ama sam bith.
An urrainn do dhealbhan a bhith breugach?

- Iarr air na sgoilearan dealbhan a thogail de dh’ìomhaigh sam bith a tha iad a’ faicinn timcheall na sgoile.
- Sgap na dealbhan air an ùrlar agus iarr air na sgoilearan dealbhan a thaghadh a ghlacas aire, no a tha gan cur troimh-a-chèile, no a tha a’ togail ceist.
- Dèan liosta den h-uile rud a dh’fhaodas a bhith fìor/fallsa mu dheidhinn nan ìomhaighean m.e. an deach an atharrachadh le coimpiutair, an do dh’fhàg an neach-ealain rudeigin a-mach às, an do chleachd e a mhac-meanmna no an do chuir e ris an fhìrinn?
- Dè tha a’ tachairt taobh a-muigh an fhrèama?
- Cruthaich fo-thiotalan airson nan dealbhan a tha a’ toirt brath, nad bheachd-sa, air fìrinn na cùise a tha ceangailte ris an ìomhaigh.
- Dh’fhaodadh tu taisbeanadh air-loidhne a chruthachadh no taisbeanadh-shleamhnagan (leithid PowerPoint) a chruthachadh airson chlasaichean eile
’S iad na sgilean cruthachalachd a thathar a’ leasachadh: a’ dèanamh bheachd-bharailean; a’ dèanamh rannsachadh èifeachdach; a’ cruthachadh, a’ lìbhrigeadh agus a’ taisbeanadh fhuasglaidhean.
’S iad na ceanglaichean a dh’fhaodar dèanamh ri Curraicealam airson Sàr-mhathais: Litearrachd; na h-Ealain Chruthachail; agus Slàinte agus sunnd.
Dè tha a’ dèanamh cuideigin Albannach?

- Iarr air a’ chlas an cuir iad a’ cheist ‘Dè tha ga do dhèanamh Albannach?’ ri daoine a b’ aithne dhaibh bho dhiofar ghinealaichean, m.e. seann-phàrantan, caraidean msaa. Clàraich na freagairtean ann an diofar dhòighean, m.e. film, clàraidhean claisneachd, dealbhan.
- Sgrìobh sìos na prìomh abairtean bho na h-agallamhan agus dèan soidhnichean dhiubh.
- Iarr air na sgoilearan na soidhnichean a chur suas anns a’ choimhearsnachd, ann an àitichean a tha buntainneach ris a’ chiall aca; m.e. dh’fhaodadh soidhne mu dheidhinn biadh Albannach a bhith air a chur taobh a-muigh oll-mhargaid. Tog dealbhan de na soidhnichean.
- Cleachd na dealbhan gus còmhradh a chur air dòigh.
’S iad na sgilean cruthachalachd a thathar a’ leasachadh: inntinn fhosgailte a bhith agad; a’ rannsachadh caochladh bheachdan; a’ fuasgladh dhuilgheadasan; agus a’ cruthachadh is a’ cur gleans air beachdan.
’S iad na ceanglaichean a dh’fhaodar dèanamh ri Curraicealam airson Sàr-mhathais: Cuspairean sòisealta; Litearrachd; agus na h-Ealain Chruthachail.
A’ tuigsinn an dà thaobh

- Chruthaich an neach-ealain Albannach an latha an-diugh, Ross Sinclair, stàladh-ealain ann an Taigh-tasgaidh is Gailearaidh Ealain Inbhir Nis ann an 2017, a fhuair brosnachadh bho Mhonarc a’ Ghlinne.Dèan coimeas eadar na h-ìomhaighean anns an taisbeanadh aigesan agus an dealbh tùsail. Dealaich an clas ann an dà bhuidheann: an fheadhainn a tha ag ràdh gur fhèarr leotha Monarc a’ Ghlinne a rinn Landseer agus an fheadhainn a tha ag ràdh gur feàrr leotha an obair a rinn Ross Sinclair shuas.
- Feumaidh aon taobh òraid a chruthachadh anns am bi iad a’ cur taic ri obair Sinclair. Bu chòir don taobh eile òraid a chruthachadh anns am bi iad a’ dìon obair Landseer agus mar a tha e a’ taisbeanadh na h-Alba.
- Dè seòrsa cainnt a bu chòir dhut cleachdadh m.e. ìmpidheach, brath-foilleil, msaa?
- Dè bu chòir tachairt ris an dealbh? A bheil feum aig Alba an-diugh air ealain ùr?
’S iad na sgilean cruthachalachd a thathar a’ leasachadh an seo: a’ rannsachadh caochladh bheachdan; a’ tuigsinn is a’ mìneachadh dhuilgheadasan; agus a’ cruthachadh, a’ lìbhrigeadh is a’ taisbeanadh fhuasglaidhean.
’S iad na ceanglaichean a dh’fhaodar dèanamh ri Curraicealam airson Sàr-mhathais: Cuspairean Sòisealta; a’ labhairt ann an Litearrachd; agus dràma anns na h-Ealain Chruthachail.