An Àrainneachd Againn

Tha seo mar phàirt de shreath de ghoireasan a tha a’ dèiligeadh ris a’ chuspair Fèin-aithne Albannach: Cò aige a tha an co-dhùnadh air cò th’ annainn? Tha an earrann seo a’ cleachdadh Monarc a’ Ghlinne agus obraichean-ealain buntainneach eile gus an àrainneachd againn a chur fon phrosbaig, a’ tairgse ìomhaighean, ceistean agus gnìomhan a dh’fhaodar rannsachadh le luchd-ionnsachaidh de gach aois.

Sir Edwin Landseer, Monarc a’ Ghlinne (mu 1851)

Dh’obair Landseer ann an Lunnainn, ach bha e air a’ bheò-ghlacadh le Alba. Fad iomadh bliadhna, rinn e tursan bliadhnail gu Alba gach foghar airson sgeidseadh dhealbhan, sealgaireachd agus iasgachd. Chòrd e ris a bhith a’ coiseachd tro na gleanntan agus na beanntan gus brosnachadh fhaighinn airson nan dealbhan aige. Anns an ochdamh linn deug, le sluagh a bha a’ fàs nas gnìomhachasaichte agus nas bailteil, bha e a’ còrdadh ri daoine a bhith a’ faighinn air falbh bho bheatha làitheil tro ìomhaighean an fhàsaich agus cuspairean cian-thìreach, allamhara.

Thathar a’ mìneachadh obraichean Landseer mar chan ann dìreach portraidean de dh’ainmhidhean air leth, ach samhlaichean de lùth, maise agus cumhachd an nàdair.

Eva Vermandel, Fiadh, Eilean Arainn, 2009, © Eva Vermandel

Mu dheidhinn fèidh

Tha ceithir gnèithean de fhiadh fiadhaich ann an Alba: earb ruadh, fiadh ruadh, fiadh Seapanach agus dathas. Tha an earb ruadh agus am fiadh ruadh nan gnèithean dùthchasach, a thuinich Alba gu nàdarra o chionn mu 10,000 bliadhna.

Bidh cabair an fhèidh ruaidh dorch-dhonn, le bidean bàna lìomhte mu na pruic. Tha 12 puing, no pruic, aig an làn-damh ; tha 14 puing aig an damh ìmpireil; agus tha 16 puing aig a’ mhonarc.

Lùghdaich sluagh an fhèidh ruaidh nuair a bhathar a’ clìoradh choilltean airson àiteachais, ach mhair iad beò air a’ Ghàidhealtachd, anns an iar-dheas Shasainn agus grunn sgìrean eile.

An-diugh, tha am fiadh ruadh air a riarachadh fad is farsaing air feadh na Rìoghachd Aonaichte. Mar lus-itheadair, bidh iad ag ionaltradh air caochladh farsaing de phlanndaichean, leithid fraoch, feòir, preasan agus craobhan; ma gheibh iad an cothrom, ithidh iad bàrr agus planndaichean a’ ghàraidh.

Ceistean

Saoil…

  • ciamar a tha e a bhith nad fhiadh?
  • ciamar a bhios neach-ealain ann an Lunnainn a’ peantadh beanntan na h-Alba?
  • ciamar a tha luchd-ealain a’ toirt buaidh air an dòigh sa bheilear a’ riochdachadh dreach-tìre na h-Alba?
  • agus a bheil sin a’ toirt buaidh air an dòigh sa bhios sinn a’ faicinn Alba?

 

Dè bhios na sgoilearan agad a’ smaointinn air an àrainneachd againn?

Iarr air na sgoilearan agad ceistean a chruthachadh, no feuch ris na ceistean shìos.

Faic

Nuair a choimheadas tu a-mach à uinneag an t-seòmair-teagaisg, dè tha thu a’ faicinn?

Dè bhiodh neach-turais an dùil a bhith a’ faicinn ann an Alba?

A bheil thu ag aithneachadh na h-Alba a chì thu ann am Monarc a’ Ghlinne?

Mu Do Dheidhinn

Dè tha thu a’ dèanamh nuair a tha thu ag iarraidh faighinn air falbh bho do bheatha làitheil?

Carson a tha feum againn air ealain, sgeulachdan agus èalachas?

Fèin-aithne

Dè na h-ainmhidhean a dh’fhaodadh Alba a riochdachadh?

Am faodadh Monarc a’ Ghlinne a bhith a’ mealladh dhaoine mu dheidhinn Alba?

Tha abairt ann: ‘faodaidh tu an gille a thoirt a-mach à Alba, ach chan fhaod thu Alba a thoirt a-mach às a’ ghille’. A bheil an àrainneachd againn a’ toirt cumadh air cò th’ annainn agus mar a smaointicheas sinn?

Cò aige a tha an co-dhùnadh air cò th’ annainn?

Gnìomhan

Gheibhear an seo trì gnìomhan a tha a’ coimhead aig an àrainneachd againn. Tha sinn a dh’aona-ghnothach air eacarsaichean a mholadh nach bi ag amas air ìre shònraichte, oir tha creideas againn ann am breith phroifeiseanta an luchd-teagaisg; faodaidh tu gnothaichean atharrachadh air chor ’s gum bi iad freagarrach do bhuidheann sam bith agus clàr-ama sam bith.

Lorg Nàdar

Peter Graham, Sgàilean Seachranach, 1878
  • Iarr air na sgoilearan cia mheud gnè creutair a tha iad a’ smaointinn a tha beò ann an raon-cluiche na sgoile. Thoir dùbhlan orra, ann am buidhnean, a dh’fhaicinn cò as urrainn a’ chuid as motha a lorg agus a chur an sgrìobhadh.
  • Thoir geur-aire don a h-uile rud a lorgas tu: diofar dhuilleagan, luibhnich, meanbh-fhrìdean, eòin, msaa.
  • Iarr orra dòighean eadar-dhealaichte a lorg gus an co-dhùnaidhean a chur an sgrìobhadh: m.e. dealbhan-camara, dealbhan-tarraing, faclan, clàraidhean claisneachd msaa.
  • Iarr orra dè fios a tha iad ag iarraidh a bhith aca air na gnèithean. Bidh na sgoilearan air ceann an rannsachaidh aca fhèin

’S iad na sgilean cruthachalachd a thathar a’ leasachadh an seo: a’ dèanamh rannsachadh èifeachdach gu tairbheach; a bhith ceasnachail; agus dìcheall.

’S iad na ceanglaichean a dh’fhaodar dèanamh ri Curraicealam airson Sàr-mhathais: an saoghal nàdarra ann an Saidheans; a’ labhairt ann an Litearrachd; agus dèanadas anns na h-Ealain Chruthachail.

An cluinn thusa na tha mise a’ cluinntinn?

Alan Davie, Dreach-tìre seunta [Opus O.1337] 1996 © Oighreachd Alan Davie
  • Tagh àrainneachd far a bheil an clas ag aontachadh gu bheil i fìor-shamhlachail de dh’Alba. Gus seo a dhèanamh comasach, bidh feum aca air beagan ùine gus beachdachadh air an nòisean ‘Albannachas’, ’s e sin, dè tha a’ dèanamh rudeigin Albannach?
  • Iarr orra a bhith ag ath-chruthachadh nam fuaimean a dh’fhaodar cluinntinn san àite. Faodar seo a dhèanamh tro rannsachadh, tro mhac-meanmna no tro tadhal air an làrach. Faodaidh iad ionnsramaidean a chleachdadh no faodaidh iad na fuaimean tùsail a chlàradh.
  • Dèan còmhradh air mar a tha fuaim gar cuideachadh a bhith a’ tuigsinn àite.
  • Iarr orra measgachadh de dh’fhuaimean a chruthachadh airson Monarc a’ Ghlinne no dealbh eile.

’S iad na sgilean cruthachalachd a thathar a’ leasachadh an seo: mac-meanmna; ath-leumachd; agus fuasgladh dhuilgheadasan.

’S iad na ceanglaichean a dh’fhaodar dèanamh ri Curraicealam airson Sàr-mhathais: ceòl anns na h-Ealain Chruthachail; muinntir agus àite ann an Cuspairean Sòisealta; agus tuigse fhaireachail ann an Slàinte agus Sunnd.

Sàbhail na tha cudromach

Nathan Coley, Lampa na h-ìobairt, 286 Àitichean adhraidh, Dùn Èideann 2004. Dèante 2004 © Stiùideo Nathan Coley
  • Iarr air na sgoilearan àite a thaghadh a tha cudromach dhaibh, àite-eigin far am bi iad a’ dol gu tric.
  • Dè tha math mu dheidhinn an àite seo?
  • Ma thàinig luchd-turais don àite seo, dè bhiodh an t-àite ag ràdh riutha mu dheidhinn Alba?
  • Cruthaich cnàmh-sgeul anns a bheil an t-àite seo ann an cunnart m.e. tha baile-turasachd / port-adhair / taigheadas sòisealta / tuath gaoithe gu bhith air a thogail an sin.
  • Ann am buidhnean beaga, fuasgail an duilgheadas a thaobh mar a thèid an cunnart seo a ro-chasg m.e. cruthaich iomairt gus an t-àite a dhèanamh mar Làrach Dualchas na Cruinne.

’S iad na sgilean cruthachalachd a thathar a’ leasachadh an seo: a’ fuasgladh dhuilgheadasan; a’ lìbhrigeadh is a’ taisbeanadh fhuasglaidhean; agus co-obrachadh.

’S iad na ceanglaichean a dh’fhaodar dèanamh ri Curraicealam airson Sàr-mhathais: muinntir is àite ann an Cuspairean Sòisealta; sgrìobhadh ìmpidheach ann an Litearrachd; agus dèanadas anns na h-Ealain Chruthachail.

Luchdaich an goireas seo a-nuas mar PDF