Tha seo mar phàirt de shreath de ghoireasan a tha a’ dèiligeadh ris a’ chuspair Fèin-aithne Albannach: Cò aige a tha an co-dhùnadh air cò th' annainn? Tha an earrann seo a’ cleachdadh Monarc a’ Ghlinne agus obraichean-ealain buntainneach eile gus ìomhaigh shuaicheanta a dhèanamh (making an icon)* a chur fon phrosbaig, a’ tairgse ìomhaighean, ceistean agus gnìomhan a dh’fhaodar rannsachadh le luchd-ionnsachaidh de gach aois.
Chaidh Monarc a’ Ghlinne a mhac-samhlachadh ann an iomadh sanas-reic agus ann am mòran chuimhneachan Albannach.
B’ e a’ chiad duine a dh’ùisnich e ann an sanas-reic Thomas James Barratt (1841-1914), fear-gnothaich soirbheachail agus cathraiche air companaidh saothrachaidh-siabainn Pears.
Tha cuimhne air gu h-àraid mar thùsaire ann an gnìomhachas na sanasachd. Thathar ag aithris gun tuirt e, ‘Faodaidh amadan sam bith siabann a dhèanamh. Feumaidh fear glic a bhith an sàs gus a reic.’ Chuir e mòran airgid ann an sanasan-reice agus b’ esan a leasaich an smuain gum faodte moladh poblach fhaighinn bho dhaoine iomraiteach.
Dh’aithnich Barratt gun tigeadh buannachd à co-cheangal a dhèanamh eadar am bathar aige agus ìomhaighean Albannach. Chleachd e Monarc a’ Ghlinne gus uisge-beatha Dewar’s a chur air adhart ann an iomadh sanas-reic, a’ cleachdadh abairtean-suaicheantais leithid ‘Dewar’s: Monarc Mhac na Praisich’.
An dèidh sin, chaidh a chleachdadh ann an iomadh iomairt sanasachd eile, a’ gabhail a-steach briosgaidean arain ghoirid agus ìm, a bharrachd air iomadh cuimhneachan na h-Alba.
Aig an àm, bha deasbad ann an robh seo math, a chionn ’s gun robh e a’ dèanamh ealain so-ruigsinneach do barrachd dhaoine, no an robh e a’ lùghdachadh brìgh na h-ealain agus a’ dèanamh cron air cliù an neach-ealain.
*Tha am faclair Cambridge a’ mìneachadh ìomhaigh shuaicheanta (icon) mar a leanas:
Icon noun (famous person /thing)
A very famous person or thing considered as representing a set of beliefs or a way of life:
Beckham has been one of the country’s best-loved sporting icons
Ceistean
Saoil...
- ciamar a thachras e gum faicear ìomhaigh shuaicheanta air tiona arain ghoirid?
- ma tha e comasach gun atharraich brìgh pìos-ealain, a bheil e comasach dhòmhsa a bhith ag atharrachadh mar a chì daoine mise?
Dè tha na sgoilearan agad a’ smaointinn air ìomhaighean suaicheanta?
Iarr air na sgoilearan agad ceistean a chruthachadh, no feuch ris na ceistean shìos.
Gnìomhan
Gheibhear an seo trì gnìomhan a tha a’ cleachdadh ìomhaighean suaicheanta mar phàirt den churraicealam. Tha sinn a dh’aona-ghnothach air eacarsaichean a mholadh nach bi ag amas air ìre shònraichte, oir tha creideas againn ann am breith phroifeiseanta an luchd-teagaisg; faodaidh tu gnothaichean atharrachadh air chor ’s gum bi iad freagarrach do bhuidheann sam bith agus clàr-ama sam bith.
Margaidich e!

- Iarr air na sgoilearan rudeigin a lorg san t-seòmar-teagaisg dham faodadh iad iomairt mhargaideachd a chruthachadh.
- Dèan cinnteach gur e rudeigin a tha beag agus neo-chudromach, leithid peansail, suathan, pìos pàipeir msaa.
- A-nis, iarr air na sgoilearan rudeigin eile a thaghadh a bhiodh a’ cuideachadh ga reic, m.e. ùisnich Superman gus peansail a reic no am Mona Lisa gus biadh sgoile a reic.
’S iad na sgilean cruthachalachd a thathar a’ leasachadh an seo: mac-meanmna; a’ fuasgladh dhuilgheadasan; agus a’ cur eòlas gu feum.
’S iad na ceanglaichean a dh’fhaodar dèanamh ri Curraicealam airson Sàr-mhathais: Litearrachd; na h-Ealain Chruthachail; agus Tionnsgnadh.
Reic, reic, reic

- Smaointich air an t-seòrsa bathair a tha air Monarc a’ Ghlinne a chleachdadh airson reic m.e. aran goirid / brot / ìm / uisge-beatha.
- Dèan liosta de dh’fhaclan deimhinneach a chleachdar gus an dealbh a mhìneachadh. Dè th’ aca ann an cumantas?
- Ann am buidhnean, coimhead aig iomairtean sanasachd làthaireach airson bathar dachaigheil agus coimhead air mar a chaidh ìomhaighean/ìomhaighean suaicheanta atharrachadh a rèir a’ bhathair.
- Iarr air a h-uile duine sa chlas aon seòrsa de bhathar dachaigheil a sgrìobhadh sìos.
- Iarr orra, ann am buidhnean beaga, feadhainn den bhathar dachaigheil a thaghadh agus thoir dùbhlan dhaibh Monarc a’ Ghlinne a chleachdadh gus iomairtean sanasachd a chruthachadh airson stuth nach buin ri chèile. m.e. Ciamar a dh’fhaodadh iad Monarc a’ Ghlinne a chleachdadh gus biadh cait no àirneis a’ ghàrraidh a reic?
- Iarr air na buidhnean na beachd-smuaintean aca a reic ris a’ chàch sa chlas agus faic cò a rinn an iomairt as ‘ìmpidhich’.
- ’S iad na sgilean cruthachalachd a thathar a’ leasachadh: mac-meanmna; a’ rùrachadh; a’ rannsachadh; a’ fuasgladh dhuilgheadasan; smaointinn eadar-mheasgte (divergent thinking); agus a’ co-obrachadh.
- ’S iad na ceanglaichean a dh’fhaodar dèanamh ri Curraicealam airson Sàr-mhathais: Litearrachd; Àireamhachd; agus Slàinte agus sunnd.
Nan robh sinn nar suaichneanan, bhiomaid...

- Iarr air na buidhnean beaga rannsachadh a dhèanamh air mar a bhios suaichneanan (mascots) gan cleachdadh agus dè bhios iad a’ ciallachadh air feadh an t-saoghail gus tuigse a mheudachadh air carson a tha suaichneanan againn.
- Iarr air na sgoilearan a bheachdachadh air mar a dh’fhaodte suaichneanan a chleachdadh mar inneal airson luachan àraidh a thoirt seachad m.e. na Geamannan Oilimpeach, sgioba spòrs, baile-mòr.
- Iarr air a’ chlas liosta a chruthachadh de luachan is creideasan, no thoir liosta dhaibh agus iarr orra an rangachadh ann an òrdugh cudromachd.
- Cluich Pictionary mar dhòigh luath gus na faclan seo eadar-theangachadh ann an dealbhan, no cleachd dràma gus na faclan a riochdachadh.
- Cleachd na dealbhan seo gus beachd-smuaintean a leasachadh airson an t-suaichnein agus mar a bu chòir dha a bhith a’ coimhead.
- Iarr air a’ chlas beachdachadh air dè stoidhle agus dè na feartan a bhios aig an t-suaichnean agad agus mar a dh’fhaodas tu an dealbhachadh a chleachdadh gus brìgh a thoirt seachad. Smaointich air an t-suaichnean mar ‘bhrannd’.
’S iad na sgilean cruthachalachd a thathar a’ leasachadh: a’ clàradh phàtranan is caochlaidhean (anomalies); a’ dèanamh rannsachadh èifeachdach; a’ fuasgladh dhuilgheadasan; agus a’ co-obrachadh.
’S iad na ceanglaichean a dh’fhaodar dèanamh ri Curraicealam airson Sàr-mhathais: Litearrachd; agus Slàinte is sunnd.