Ealain Albannach aig Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba

Tha Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba a’ glèidheadh a’ chruinneachaidh nàiseanta de dh’ealain Albannach taobh ri taobh sàr-chruinneachadh de dh’ealain fhìnealta eadar-nàiseanta. Seo aon dhe na cruinneachaidhean as cudromaiche de dh’ealain Albannach san t-saoghal a tha glè shuaicheanta agus a chaidh a thional fo stiùireadh a chuir cudrom air slànachd agus àrd-chàileachd. Bha buaidh aig an eachdraidh ’s ionad aige air agus aig an t-sluagh a bha an sàs ann a bhith ga chruthachadh eadar toiseach na naoidheamh linn deug agus an latha an-diugh. 

Hugo van der Goes The Trinity Altarpiece About 1478 - 1479 Reproduced courtesy of His Majesty King Charles III and the Royal Collection Trust on long term loan to the National Galleries of Scotland
Gavin Hamilton Achilles Lamenting the Death of Patroclus 1760 - 1763

Tha an cruinneachadh Albannach ann an ceithir gailearaidhean air leth ann an Dùn Èideann agus dà ghailearaidh eile againn ann an Taigh MhicDhuibh (Banbh) agus Taigh Paxton (Siorrachd Bhearaig) agus a’ gabhail a-staigh gach linn ealain Albannach eadar cruthachadh Pìos-altair na Trianaide sa chòigeamh linn deug agus luchd-ealain ar latha-ne. Tha mòr-obraichean le prìomh-luchd-ealain nam measg, mar Henry Raeburn, Allan Ramsay, David Wilkie, Uilleam Mac an t-Sagairt, Phoebe Anna Traquair agus na Glasgow Boys. Thathar a’ sìor-chur ri cruinneachadh brod nan obraichean Albannach ùr-nòsach is co-aimsireil, mar eisimpleir le bhith a’ faighinn Feed Me le Rachel NicGilleEathain ann an 2015.

Sir David Wilkie Pitlessie Fair 1804
Rachel Maclean Feed Me 2015 © Rachel Maclean 2015

Tha na cruinneachaidhean eachdraidheil is co-aimsireil againn a’ soilleireachadh an dà chuid àm is tradaiseanan na h-Alba a dh’aom agus a cuid dhaoine ’s fèin-aithne. Tha na h-obraichean ealain seo nan glainneachan-amhairc cudromach cuideachd a bheir cothrom do choimhearsnachdan air feadh an t-saoghal cultar lèirsinneach is ceanglaichean eadar-nàiseanta ar dùthcha a rannsachadh. On a chaidh a chur air bhonn, bhathar airson ’s gun coilean an cruinneachadh iomadh amas eadar trèanadh luchd-ealain is foghlam a’ phobaill. A bharrachd air sin bha buaidh aig an lèirsinn gu bheil Alba na dùthaich nach eil aig oir cultar na Roinn Eòrpa ach aig a theis-mheadhain.

Alexander Nasmyth Robert Burns, 1759 - 1796. Poet 1828
Murdo MacLeod Jamie Murray, b.1986, and Andy Murray, b. 1987, Tennis Players 7 April 2008; printed 2012 Copyright and Photography by Murdo MacLeod.

Thàinig atharrachadh is leasachadh air amasan a’ chruinneachaidh thar nan linntean ach tha a’ bhonn-stèidh ud daingeann na h-àite fhathast a rinn tùs brosnachadh inntinn agus cruthachalachd dheth. Air an aon alt, tha na Gailearaidhean fo stiùireadh làidir fhathast a tha a’ faicinn Alba mar dhùthaich a tha pròiseil às a cultar is tradaiseanan ealain agus a tha fosgailte do bhuaidhean is eadar-ghabhail leis an t-saoghal mhòr.

’S e an cruinneachadh Albannach am fear as iomlaine againn agus tha sinn a’ toirt comas dhuinn coimhead air cuspairean àraidh a tha a’ ruith tro eachdraidh obraichean ealain na h-Alba. Tha rudan sònraichte againn air dealbhan dhaoine is tìre, cruinneachaidhean a bhuineas ri amannan sònraichte à eachdraidh na h-Alba, faoinsgeulan, fantasachd is mac-meanmna agus cuid dhe na gluasadan ann an ealain na h-Alba. Tha rudan sònraichte mu luchd-ealain fa leth againn cuideachd, mar eisimpleir Joan Eardley, Arthur Melville agus D. Y. Camshron.