A’ sgrùdadh atharrachadh àrainneachd sa Mhonadh Ruadh le Patricia NicDhòmhnaill

San Dàmhair agus san t-Samhain 2021 ghlac dà cho-labhairt bhunaiteach aire an t-saoghail, tè mu staid brùite an ‘nàdair’ is tè mu atharrachadh na gnàth-shìde: Co-labhairt Bith-Iomadachd an UN (Còmhdhail air Iomadachd Nàdair(CBD) COP15, Earrann 1), ann an Kunming (air-loidhne), eadar 11 - 15 Dàmhair; agus an 26mh Co-labhairt an UN mu Atharrachd na Gnàth-Shìde, Glaschu, 31 Dàmhair- 12 Samhain (COP26). Tha dlùth-cheangal eadar an dà chuspair a làimhsich an dà cho-labhairt eadar-dhealaichte sin. ’S e dìreach ar feum mar dhaoine èiginn slàn ar linn a roinn gus an tuigear nas fheàrr i, a dh’adhbhraich gun deach an dà chuspair a dheasbad air leth – chan aithnich an nàdar fhèin an leithid de sgaradh idir

San fhoillseachadh seo, a tha a’ tighinn a-mach ann an trì earrannan (seo a’ chiad tè – thàinig an dàrna agus an treas earrann a-mach san t-Samhain), tha Patricia NicDhòmhnaill (à Oilthigh Dhùn Èideann agus à buidhinn comhairleachaidh Aerographica) a’ tòiseachadh le trì de na dealbhan ealain aice a thogadh bhon adhar, a-mach à cruinneachadh Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba, gus beachdachadh air gnothaichean àrainneachd a bhuineas do atharrachadh na gnàth-shìde, is bith-iomadachd an cois sreath de làraichean iomraiteach Albannach. 

Abhainn le lùban agus craobhan-giuthais Albannach, Gleann Fhèisidh, am Monadh Ruadh, Alba, 1988 - 2016 (trì dealbhan)

Na h-aon lùban de Abhainn Fhèisidh bhon adhair ann an (clì gu deas) 1988, 1995 is 2016, a' nochdadh nan atharrachadh mòra a bhios a’ sìor-tachairt air na sruthan aibhne is dromannan morghain

Chan eil na th’ ann de ‘dh’fhearann ​fiadhaich’ san t-saoghal ach suarach beag an-diugh, ach cha di-chuimhnich neach ann am bith - mar chreutair nas lugha buileach - cò ris a tha e coltach a bhith ann an uchd na h-àrainneachd seo; rud a thathas a’ meas riatanach le mòran san t-saoghal bhochd a th' ann - saoghal a tha a' sìor-fhàs nas brùite. Tha a’ chiad trì ìomhaigh a chìthear an seo a rinneadh bho shuas aig 57° 00’ 25” N, 3° 54’ 15” W, a’ nochdadh làrach ionmholta fada a-staigh ann an gleann sa Mhonadh Ruadh air Ghàidhealtachd na h-Alba. Mus ruigear an làrach air chois feumar coiseachd astar fada bho rathad phoblach sam bith. ’S e seo fearann a tha air a bhith na làrach chultarach a chleachd sluagh thairis air mìltean de bhliadhnaichean, is mar sin chan eil e ‘fiadhaich’ san t-seadh sin, ach ’s e seo àite suimeil gus am faicear seallaidhean aithghearr air obair an nàdair.

An abhainn 

Tha abhainn le lùban iongantach a’ ruith tron ghleann. Tha Abhainn Fhèisidh a toirt leatha uisge, sneachd air leaghadh agus eabar morghain à earrann mhòr den fhearainn Artaigeach Ailpeach as àirde agus as fiadhaich ann an Alba. 

Faodaidh àirde nan uisgeachan èirigh is tuiteam gu mòr fiù ’s am broinn beagan uairean a thìde, le grad-thuiltean an cois stoirmean a tha bitheanta, le drochaidean gan sguabadh às agus craobhan mòra gan reubadh bho na bruachan bleithte agus gan tarraing leis an t-sruth, no gam fàgail aig na h-oirean gus an cruthaich iad eileanan ùra. 

Tha na dealbhan san adhair den abhainn a chithear an seo, agus a rinneadh eadar 1988 is 2016, a’ nochdadh cho luath is a tha an saoghal nàdarrach a’ sìor-atharrachadh. 'S e seasamh air fear de na h-eileanan sin, is coltas fearsaid orra, le na h-uisgeachan dorcha deàrrsach a’ gabhail seachad ort gu luath, cothrom mòralachd nan gluasad sin fhiosrachadh agus tuigse, rè sealain, feartan Gaia (ar saoghal ‘beò’). Tha dùil gun cuir an t-uisge as truime a thig an cois atharrachadh na gnàth-shìde ri cho buailteach is a bhios grad-thuiltean ann an aibhnichean, leithid Abhainn Fhèisidh, le buaidh nas mò buileach na chunnacas roimhe.

Abhainn Fhèisidh: sealladh farsaing

Fon uisge san abhainn, ulpagan (cli) is uamhan

Seann chraobh, a sheas ùine marbh, a chaidh a reubadh às a’ bhruaich a tha a’ crìonadh, a-nis na eilean beag ùr

A’ choille 

'S e a tha ann an Gleann Fhèisidh cuideachd àite far a bheil beatha is neart ùr a’ tilleadh gu fuigheall iongantach den coille-ghiuthais Chailleannach - eisimpleir de sheasmhachd an nàdair le cuideachadh stiùireadh fearainn freagarrach, às dèidh linntean de mhilleadh air an àrainneachd.  

Thugadh an seann choille (giuthas, beithe, caorann, feàrna, aiteann agus seileach) air falbh airson sprèidh, chuireadh i gu feum mar fiodh, agus chuir fèidh stad oirre bho a bhith a’ fàs as ùr gu nàdarrach, is àireamh nam fiadh gan cumail suas le dìth beathaichean-seilg (madadh-allaidh is lince, bho chuir an sluagh às dhaibh anns na linntean a dh’fhalbh) agus uachdarain airson a bhith a’ sealg nam fiadh.

Leathad ann an Gleann Fhèisidh ga fhaicinn san toiseach ann an 1992 (clì gu h-àrd) far nach fhaicear ùrachadh nàdarrach de ghiuthas, beithe no craobhan eile air sgàth ionaltradh fèidh. Chithear san aon sealladh ann an 2016 (deas gu h-àrd) agus ann an 2021, mar a thill giuthas is beithe is iad a’ soirbheachadh às dèidh lùghdachadh ann an àireamh nam fiadh

Faisg air crìch na linn a chaidh seachad, bha a’ choille seo aig uchd a’ bhàis, bha na seann ghiuthais-Albannach ma dheireadh (ris an canar ‘granaidh’) - bhon fheumadh na duircean tighinn - gus bàsachadh. Taobh a-muigh pàircean le feansaichean gan cuairteachadh, cha do sheas ach glè bheag de dh’ògain a chumadh a’ choille a’ dol, agus bha a’ mhòinteach air an fhearainn àrd cuideachd ga milleadh agus a’ crìonadh. 

Ach tha atharrachaidhean ùra riaghlaidh, an seo agus ann an àiteachan eile sa Mhonadh Ruadh agus ann an sgìrean Ghàidhealach eile faisg air làimh, air an àireamh de dh’fhèidh a ghearradh, agus chithear ath-nuadhachadh nàdarrach nan craobh - 's dòcha le cuideachadh gu ìre le beàrnan anns na lusrachan a dh'adhbhraich ionaltradh trom roimhe - agus tha piseach air tòiseachadh a thighinn air na mòintichean. 

Tha coille bheag de ghiuthas agus ògain eile air nochdadh anns na h-ìomhaighean as ùire bhon adhar a chithear an seo, air cuid de dhromannan morghain agus bruaichean Abhainn Fhèisidh, ged is dòcha nach seas iad ri seo an ath thuras a bhios tuil ann.   

Ann an àiteachan eile aig bonn is oirean a’ ghlinne, ge-tà, chithear àm ùr gealltanach is fàs a’ tighinn air iomadh gnè, leithid lusan talmhainn agus eunlaith a’ tilleadh (agus bradain san abhainn), is coltas dòchasach gum faicear àrainneachd nas treise le barrachd iomadachd is neart gus an seas i, agus is dòcha gun soirbhich i, ged a thigeadh amannan duilich san àm ri teachd. 

Agus a thaobh na gnàth-sìde, tha an dà chuid coille is mòinteach gan neartachadh gus an slug iad dà-ogsaid carboin às an adhair gus cuir an aghaidh atharrachadh na gnàth-sìde is a liuthad buaidhean millteach. 

Seann ghiuthas ann an Gleann Fhèisidh ann an 1992 (clì) os cionn stob craoibh eile a chaidh a ghearradh, far nach fhaicear ùrachadh nàdarrach de ghiuthas, beithe no craobhan eile air sgàth ionaltradh fèidh. An aon chraobh is stob (a-nis air seargadh) sa chithear air an taobh chlì, ann an 2016 (meadhan) is 2021, thill giuthas is beithe is iad a’ soirbheachadh às dèidh lùghdachadh ann an àireamh nam fiadh
Trì seallaidhean de sgìre Ruigh Aiteachain ann an Gleann Fhèisidh ann an 1992 (clì) a’ sealltainn cho beag is a bha ùrachadh nàdarrach de chraobhan (aon ògan ghiuthais ann an cèidse gus a dhìon) air sgàth mòran fèidh gan ionaltradh, agus ann an 2016 (meadhan) is 2021 le giuthas air tilleadh gu fallain às dèidh lùghdachadh ann an àireamh nam fiadh

Ògain giuthais a' fàs timcheall air fiodh-marbh ann an Gleann Fhèisidh ann an 2021, fo sheann chraobhan giuthais ‘granaidh’ às dèidh lùghdachadh ann an àireamh nam fiadh, a’ ciallachadh nas lugha de chuideam air ògain craoibh

Giuthas Albannach, Pinus sylvestris: calgan giuthais (clì gu h-àrd), luibh-sgàil (deas gu h-àrd) agus sgàil

An linn ri teachd 

Ach tha coimhearsnachdan àrainneachd a' sìor-atharrachadh mar a bhiodh iad bho thùs, air sgàth atharrachadh na gnàth-shìde - biodh e ‘nàdarrach’ no bho mhac an duine, a thuilleadh air fiaradh (leithid prìomh chuspairean a thoirt air falbh, eadar bàrr-shealgairean is coilltean a bheireadh fasgadh). 

Faodaidh e a bhith, ma bhios aimsir iar-thuath na Roinn Eòrpa nas coltaiche ri aimsir nan sgìrean ‘cuaine’ (fliuch, le samhraidhean nach bi ro bhlàth is geamhraidhean nach fhàs buileach fuar) nach fhaicear coilltean giuthais ach anns na sgìrean tùsail aca, mu thuath is mun ear, agus is dòcha gun gabh seòrsaichean eile de chraobhan àite nan craobh-giuthais. Airson an adhbhair seo a-mhàin, tha e riatanach gum brosnaichear iomadachd lusan fàs anns a' ghleann, fiù ’s, mar phàirt den mheasgachadh, seòrsaichean nach buineadh don sgìre bho thus, leithid craobhan-fhaidhbhile. 

Is dòcha gun adhbhraich sin, aig a’ cheann thall, nach caillear an earrann ùr den àrainneachd leasaichte ann an Gleann Fhèisidh, le barrachd fasgaidh is bith-iomadachd san àm ri teachd. 

Call is ùrachadh nàdarrach nan giuthas, Gleann Fhèisidh, sealladh farsaing

Patricia NicDhòmhnaill: Fèin-dhealbh ann an sgàilean
Robin Gillanders: Aonghas & Patricia Dòmhnallach

Na dealbhan gu lèir © Patricia & Aonghas Dòmhnallach mura canar an caochladh

Mun ùghdar: ’S i an t-Oll. Patricia NicDhòmhnaill FRSE neach-rannsachaidh àrainneachd; Co-eòlaiche Urramach aig Oilthigh Dhùn Èideann agus Colaiste Ealain Dhùn Èideann, agus sàr neach dealbh is neach ealain a tha ainmeil son a cuid ìomhaighean-adhair brìoghmhor, a rinn i còmhla ri a co-oibriche aig a’ bhuidhinn comhairleachaidh Aerographica, An t-Àrd-Oll. Aonghas Dòmhnallach, cuideachd à Oilthigh Dhùn Èideann. Tha a h-obair ga taisbeanadh is ga foillseachadh gu h-eadar-nàiseanta, agus ann an cruinneachaidhean poblach, companaidh is prìobhaideach air feadh an t-saoghail. ’S i ùghdar is co-ùghdar tuilleadh is deich leabhair/catalogan is iomadh aiste. 

Faicibh tuilleadh obraichean le Patricia NicDhòmhnaill aig làrach-lìn Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba
Leanaibh naidheachdan ùra air làrach-lìn Aerographica
Leughaibh tuilleadh mu Ath-thogail dealbh air Ghàidhealtachd na h-Alba

14 February 2022