Gàidhlig

Turas

Ro-ràdh

Tha na gailearaidhean againn dìreach àlainn, ’s iad air trì làraichean an Dùn Èideann. Tha gach tè dhiubh ’na dachaigh do thaisbeanaidhean sònraichte ’s do dhiofar phàirtean den chruinneachadh nàiseanta de dh’àrd ealain. Gheibhear a-steach gu na cruinneachaidhean an-asgaidh, tha iad fosgailte gach latha, ’s tha iad am measg an fheadhainn as fheàrr san t-saoghal.

Dè tha romhad? Dealbhan iongantach le Monet, Van Gogh, Raphael agus Titian, snaidheadaireachd mhìorbhaileach Chanova “Na Trì Gràsan”, agus mòran de shàr obair Albannach sa Ghailearaidh Nàiseanta. Ealain an fhicheadamh linn ’s an latha an-diugh a thuilleadh air gàrraidhean dealbhte ann an suaimhneas spaideil Gailearaidh na h-Ealain Nuaidh. Lorgaidh thu cuideachd taisbeanaidhean sònraichte, tachartasan inntinneach, agus nithean ri dhèanamh a thogas do chridhe, còmhla ri cafaidhean ’s bùithtean dripeil.

Cleachd an earrann seo airson do thuras gu ar gailearaidhean a phlanadh. Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri fàilte a chur ort.

Cuir fios thugainn
Fòn: +44 (0)131 624 6200
Fiosrachadh clàraichte (Beurla a-mhàin): +44 (0)131 332 2266
Post-d: enquiries@nationalgalleries.org


Gailearaidhean nan Nua-Ealain (Modern Art Galleries)

Na dhachaigh de na cruinneachaidhean nàiseanta ealain, nuadh is co-aimsireil, as barraichte ann an Alba, tha Gailearaidh Nàiseanta Nua-Ealain na h-Alba a’ gabhail a-steach Gailearaidh Dean agus Gailearaidh nan Nua-Ealain.

Tha an dà ghailearaidh suidhichte ann am pàirc fharsaing far a bheil cothrom aig luchd-tadhail obair shnaighte luchd-ealain ainmeil, leithid Ian Hamilton Finlay, Henry Moore, Rachel Whiteread agus Barbara Hepworth, fhaicinn. Chaidh an rèidhlean air beulaibh Gailearaidh nan Nua-Ealain ath-dhealbhachadh ann an 2002 a rèir dealbhadh Charles Jencks. Tha an obair dhràmatach seo, no an ‘cumadh-talmhainn’ seo, na mheall cheumach, shuaineach ann an trì lòin chorranach de dh’uisge.

Tha taisbeanaidhean sònraichte is obair bho mu 1900 gun latha an-diugh ann an Gailearaidh nan Nua-Ealain, agus tha obair bho chruinneachadh ainmeil eadar-nàiseanta Dada is Surrealist ann an Gailearaidh Dean ri taobh obair le Eduardo Paolozzi.

An Cruinneachadh

Gailearaidh nan Nua-Ealain
Thathas a’ cleachdadh a’ chiad làr mar as trice airson taisbeanaidhean sònraichte agus airson foillseachaidhean sealach nas lugha. Tha obair bho chruinneachadh a’ Ghailearaidh, meudaichte le iasadan sònraichte, air an taisbeanadh air an dara làr. Tha obair thràth a’ chruinneachaidh a’ sealltainn ealain Frangach is Ruiseanach bho thoiseach na ficheadamh linne, dealbhan Ciùbach agus cruinneachaidhean mìorbhaileach de dh’ealain Expressionist agus nua-ealain Breatannach. Tha dealbhan le Matisse agus Picasso sna nithean a tha comharraichte.

Tha cruinneachadh mìorbhaileach de dh’obair eadar-nàiseanta iar-chogaidh sa Ghailearaidh cuideachd, a thuilleadh air a’ chruinneachadh as cudromaiche is as farsainge de nua-ealain na h-Alba. Anns a’ chruinneachadh iar-chogaidh tha ealain le Francis Bacon, David Hockney, Andy Warhol agus Lucian Freud, le obair nas ùire bho luchd-ealain leithid Antony Gormley, Gilbert & George, Damien Hirst agus Tracey Emin.

Gailearaidh Dean
Tha cruinneachadh Dada is Surrealism Gailearaidh Dean ga thaisbeanadh ann an Gailearaidh Roland Penrose agus ann an Leabharlann Gabrielle Keiller. Fhuair an Gailearaidh a’ chuid mhòr de na cruinneachaidhean mìorbhaileach anns na 1990an agus tha obair chudromach le Dalí, Miró, Ernst, Magritte agus Picasso ann.

Taisbeanaidhean sònraichte
Tha làr ìosal Gailearaidh nan Nua-Ealain agus làr àrd Gailearaidh Dean air an coisrigeadh do thaisbeanaidhean sònraichte. Tha na taisbeanaidhean a th’ ann an-dràsta air an liostadh ann an Dè tha Dol?

Goireasan Luchd-tadhail
Ann an Gailearaidh Dean tha leabharlann is tasglann iongantach, a tha toirt a-steach ealain na ficheadamh is na h-aon air fhicheadamh linntean gu h-iomlan ach gu sònraichte a’ buntainn ri gluasadan Dada agus Surrealist. Tha e fosgailte dha oileanaich is luchd-sgrùdaidh le ro-iarraidh a-mhàin. Ann an Gailearaidh nan Nua-Ealain tha clò-rùim, le còrr air 4,000 dealbh air pàipear, fosgailte do na h-uile le ro-iarraidh. Tha bùithtean is cafaidhean san dà ghailearaidh.


Togalaichean a’ Ghailearaidh Nàiseanta (National Gallery Complex)

Tha Coimpleacsa Gailearaidh Nàiseanta na h-Alba a’ tarraing barrachd luchd-tadhail na ionad-turasachd an-asgaidh sam bith eile an Dùn Èideann. Se th’ ann ach trì thoglaichean eadar-cheangailte ann am fìor chridhe Dhùn Èideann. Tha Gailearaidh Nàiseanta na h-Alba ’na dhachaigh do phàirt chudromach den chruinneachadh annasach nàiseanta Albannach de dh’àrd-ealain; tha Togalach Acadamaidh Rìoghail na h-Alba air aon de na prìomh ionadan san Roinn Eòrpa airson taisbeanaidhean eadar-nàiseanta; agus tha Ceangal Weston, a tha fon dà thogalach, gan tarraing ri chèile le àrainnean bùthadaireachd, ionnsachaidh, ithe ’s òil.

An Cruinneachadh
Tha cruinneachadh nàiseanta nan Ealain ghrinn bho tràth ann an Linn an Ath-leasachaidh gu deireadh na naoidheamh linne deug anns a’ Ghailearaidh Nàiseanta. A’ coiseachd timcheall an t-suidheachaidh shìtheil air do shocair chì thu sàr-obraichean le Raphael, Titian, El Greco, Velázquez, Rembrandt agus Rubens gu Van Gogh, Monet, Cézanne, Degas agus Gauguin. Airson dùthaich de mheudachd Alba, tha an cruinneachadh air a mheas gu ceart mar aon den fheadhainn as fheàrr san t-saoghal. Tha am pàirt as farsainge den chruinneachadh a’ gabhail a-steach eachdraidh obair-peantaidh na h-Alba. Tha obair nam prìomh pheantairean leithid Ramsay, Raeburn, Wilkie agus McTaggart, air am foillseachadh ann an doimhneachd. Tha an obair a th’ air a thaisbeanadh a’ gabhail a-steach dealbh measaichte Raeburn, The Reverend Robert Walker Skating on Duddingston Loch no, mar a thathar a-nis ga aithneachadh, the ‘Skating Minister’.

Taisbeanaidhean Sònraichte
Dh’fhosgail Togalach ùr-leasaichte Acadamaidh Rìoghail na h-Alba, air beulaibh a’ Ghailearaidh Nàiseanta, a-rithist ann an 2003 mar shàr ionad dha taisbeanaidhean sònraichte sealach. Tha dà làr taisbeanaidh ann agus tha na taisbeanaidhean a th’ ann an-dràsta air an liostadh ann an Dè tha Dol?

Goireasan Luchd-tadhail
Bhon dà thogalach sin gheibhear gu Weston Link – nua-ionad spaideil anns a bheil taigh-bidhe, cafaidh, taigh-beag, bùth, gailearaidh IT agus deasg fiosrachaidh. Tha seòmar-òraid san Link cuideachd far am bi sinn a’ lìbhrigeadh ar prògraman cliùiteach foghlaim. Chithear seallaidhean brèagha thar Gàrraidhean Sràid a’ Phrionnsa bhon Link cuideachd.

Gailearaidh Dealbhan Dhaoine (Portrait Gallery)

Tha Gailearaidh Nàiseanta Dealbhan Dhaoine na h-Alba a’ tabhann eachdraidh lèirsinneach na h-Alba, tro dhealbhan nan daoine a thug cumadh oirre. Tha i a’ dèanamh rannsachadh air beatha sàr Albannaich, a bh’ ann agus a th’ ann, a th’ air an t-saoghal a bhrosnachadh is atharrachadh – daoine rìoghail is reubaltaich, bàird is feallsanaich, gaisgich is eucoraich.

B’ e Gailearaidh Nàiseanta Dealbhan Dhaoine na h-Alba a’ chiad ghailearaidh dealbhan dhaoine a chaidh a thogail a dh’aona ghnothaich san t-saoghal. Tha an togalach eireachdail, os cionn Bail’ Ùr eachdraidheil Dhùn Èideann, air a thighinn gu bhith na cheann-uidhe thlachdmhor dha  200,000 de luchd an àite is luchd-tadhail gach bliadhna, le a mheasgachadh fàilteachail de thaisbeanaidhean sònraichte, dà làr de dhealbhan dhaoine bhon chruinneachadh nàiseanta, agus a bhùth mhìorbhaileach is a chafaidh.

An Cruinneachadh
Bho dh’fhosgail an Gailearaidh a dhorsan an toiseach, tha an cruinneachadh air fàs gu leantainneach gu bhith na ioma-shealladh neo-choimeasaichte de bheatha is de dh’eachdraidh na h-Alba. Am measg nan dealbhan eachdraidheil as ainmeile tha Màiri, Bànrigh na h-Alba, dealbh Allan Ramsay den fheallsanach David Hume, dealbh Alexander Nasmyth de Raibeart Burns agus dealbh Sir Henry Raeburn de Shir Ualtar Scott. 

Goireasan Luchd-tadhail
Tha bùth mhòr is cafaidh anns a’ Ghailearaidh, gach aon dhiubh measail aig daoine.
Tha clò-rùim, roinn fiosrachaidh, leabharlann is tasglann de thrìd-dhealbhan sa Ghailearaidh cuideachd a tha na ghoireas luachmhor dha sloinntearan, oileanaich, sgoilearan is luchd-tadhail sam bith aig a bheil ùidh ann an sluagh is eachdraidh na h-Alba. Tha na seirbheisean sin rim faighinn le ro-iarrtas a-mhàin.

Mar a Gheibh thu Thugainn, Nua Ghailearaidhean nan Ealain (Modern Art Galleries)

Gheibhear gu Gailearaidh Nàiseanta Nua-Ealain na h-Alba is Gailearaidh Dean, a tha suidhichte ann am pàirc àlainn, le coiseachd de chòig mionaidean deug bho Sràid a’ Phrionnsa.

Air Càr
Tha pàircean-chàraichean an-asgaidh aig Gailearaidh Nua-Ealain na h-Alba is Gailearaidh Dean. Tha goireasan airson pàirceadh dha daoine ciorramach aig Gailearaidh Nàiseanta Nua-Ealain na h-Alba is Gailearaidh Dean.

Air Trèana
Tha Gailearaidh Dean is Gailearaidh nan Nua-Ealain dhà no trì mhionaidean de choiseachd bho Stèisean Haymarket, sìos Ionad Phalmerston.

Gailearaidhean Nua-Ealain na h-Alba
Rathad Belford
Dùn Èideann
EH4 3DR


Mar a Gheibh thu Thugainn, Togalaichean a’ Ghailearaidh Nàiseanta (National Gallery Complex)

Tha Gailearaidh Nàiseanta na h-Alba air The Mound, dìreach an teis-mheadhain Dhùn Èideann, air Sràid a’ Phrionnsa.

Air Bus
Tha busaichean Meadhan a’ Bhaile/Sràid a’ Phrionnsa a’ dol seachad air togalaichean Gailearaidh Nàiseanta na h-Alba.

Air Càr
Lean na slighean airson Meadhan a’ Bhaile is City Centre Attractions. Chan eil pàirc-chàraichean aig a’ ghailearaidh, agus ‘s e glè bheag de phàirceadh sràide a tha faisg air an ionad. Tha sinn a’ moladh dhut do chàr fhàgail ann am pàircichean chàraichean Meadhan a’ Bhaile.

Air Trèana
Tha Togalaichean Gailearaidh Nàiseanta na h-Alba beagan mhionaidean de choiseachd bho Stèisean Waverley. Gabh slighe a-mach Drochaid Waverley, agus coisich an t-astar goirid tro ghàrraidhean Sràid a’ Phrionnsa gus an ruig thu inntrigeadh an taisbeanaidh.

Gailearaidh Nàiseanta na h-Alba
The Mound
Dùn Èideann
EH2 2EL


Mar a Gheibh Sibh Thugainn, Gailearaidh Dealbhan Dhaoine (Portrait Gallery)

Tha Gailearaidh Dealbhan Dhaoine na h-Alba 5 mionaidean de choiseachd bho Sràid a’ Phrionnsa air Sràid na Bànrighe (timcheall an oisein bho Harvey Nichols).

Air Càr
Lean slighean airson Meadhan a’ Bhaile agus City Centre Attractions. Chan eil pàirc-chàraichean aig a’ ghailearaidh, agus ‘s e glè bheag de phàirceadh sràide a tha faisg air an ionad. Tha sinn a’ moladh dhut do chàr fhàgail ann am pàircichean chàraichean Meadhan a’ Bhaile.

Air Trèana
Tha Gailearaidh Dealbhan Dhaoine na h-Alba beagan mhionaidean de choiseachd bho Stèisean Waverley. Gabh slighe a-mach Sràid a’ Phrionnsa agus coisich an t-astar goirid tro Cheàrnag Naomh Anndrais, a’ tionndadh gud làimh dheis gu Sràid na Bànrighe.

Gailearaidh Dealbhan Dhaoine
Sràid na Bànrighe
Dùn Èideann
EH2 1JD

Uairean Fosglaidh, Gailearaidhean nan Nua-Ealain (Modern Art Galleries)

Uairean fosglaidh:
Fosgailte gach latha bho 10m-5f.

Uairean fosglaidh a bharrachd aig Fèis Dhùn Èideann (An Lùnastal).

Uairean fosglaidh àm na Nollaige:
Dùinte a-mhàin air 25 agus 26 Dùbhlachd. Fosgailte 1 Faoilleach bho 12 nòin-5f.
Inntrigeadh an-asgaidh. Dh’fhaodadh gum bi cìs ri phàigheadh airson taisbeanaidhean sònraichte.



Uairean Fosglaidh, Togalaichean a’ Ghailearaidh Nàiseanta (National Gallery Complex)

Uairean fosglaidh:
Fosgailte gach latha bho 10m-5f. Diardaoin gu 7f.

Uairean fosglaidh a bharrachd aig Fèis Dhùn Èideann (An Lùnastal).

Uairean fosglaidh àm na Nollaige:
Dùinte a-mhàin air 25 agus 26 Dùbhlachd. Fosgailte 1 Faoilleach bho 12 nòin-5f.
Inntrigeadh an-asgaidh. Dh’fhaodadh gum bi cìs ri phàigheadh airson taisbeanaidhean sònraichte.


Uairean Fosglaidh, Gailearaidh Dealbhan Dhaoine (Portrait Gallery)

Uairean fosglaidh:
Fosgailte gach latha bho 10m-5f. Diardaoin gu 7f.

Uairean fosglaidh a bharrachd aig Fèis Dhùn Èideann (An Lùnastal).

Uairean fosglaidh àm na Nollaige:
Dùinte a-mhàin air 25 agus 26 Dùbhlachd. Fosgailte 1 Faoilleach bho 12 nòin-5f.
Inntrigeadh an-asgaidh. Dh’fhaodadh gum bi cìs ri phàigheadh airson taisbeanaidhean sònraichte.


Tursan Bhuidhnean

Tha sinn a’ cur fàilte air tursan bhuidhnean gu Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba. Mas e buidheann mhòr a th’ annaibh, a tha ag iarraidh tadhal air ar cruinneachadh nàiseanta cha leig sibh a leas ro-iarraidh a dhèanamh seach gu bheil ar n-ionadan an-asgaidh. Mas e buidheann-sgoile a th’ annaibh, ge-tà, tadhalaibh air ar roinn Foghlaim gus am faigh sibh a-mach mar a chuidicheas sinn tidsearan gus an luach as fheàrr fhaighinn à turas.

Mas e buidheann de chòrr air deichnear a th’ annaibh, a tha ag iarraidh tadhal air taisbeanadh sònraichte air a bheil cìs inntrigidh, gheibh sibh reitichean lasaichte.

Malairt Siubhail
Ma tha thu nad bhall de mhalairt siubhail a tha a’ cur turas gu Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba air chois, cuir fios thugainn aig:

Travel Trade
Marketing Department
Bridge Lodge
70 Belford Road
Edinburgh
EH4 3DS
Fòn: +44 (0)131 624 6283

Bidh sinn air leth toilichte nithean brosnachail a chur ri ur clàr-siubhail, leithid tursan gailearaidh, grad-shochairean airson prìomh thaisbeanaidhean is amannan bidhe.

Guides nam Baidsichean Gorma
Faodaidh Guides ùghdarraichte nam Baidsichean Gorma daoine a stiùireadh taobh a-staigh a’ ghailearaidh, an-asgaidh. Gheibh Guides nam Baidsichean Gorma a-steach an-asgaidh gu taisbeanaidhean sònraichte le bhith sealltainn an teisteanais.